Iain Dòmhnallach

Ann an òraid a thug e do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air 26 Samhain, 1896, dh'innis am bàrd ainmeil Sgitheanach Niall MacLeòid gur e Iain Dòmhnallach a rinn Òran Ùige agus seo mar a thug e cunntas air cò e:

"Rugadh Iain Dòmhnallach, no mar is trice gheibheadh e, Iain mac Dhòmhnaill 'ic Alasdair, ann an Ùige. Bha e beagan bhliadhnaichean san Rèiseamaid Dhubh. Cha robh athair deònach e bhith san arm agus cheannaich e às e. An dèidh an t-arm fhàgail thàinig e air ais do Ghleann Ùige.

Thug e fichead samhradh sa h-ochd aig iasgach a' sgadain. Bu tric leis a bhith aig an taigh sa gheamhradh. 'S ann air falbh aig an iasgach a bha e nuair a rinn e Òran Ùige. Rinneadh iomadh òran agus duanag laghach le Iain. Ach tha eagal orm, thuirt Niall MacLeòid, gu bheil mòran dhiubh nach gabh faotainn a-nis. Rugadh e mun bhliadhna 1797 agus chaochail e sa bhliadhna 1875."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.