Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à Garrabost.

Bha sianar anns an teaghlach, dithis mhac, Iain, a b' òige, agus Calum, agus ceathrar nighean, Dolina, Magaidh Anna, Murdina agus Seasaidh. 'S i Seasaidh, a tha a' fuireach ann an Siadar an aon tè dhan teaghlach a tha beò an-diugh.

Cha robh miann mòr sam bith aig Iain air an sgoil agus anns na bliadhnaichean an dèidh a fàgail bha e ag obair aig a' phort-adhair. Chaidh e an uair sin dhan Ghearastan.

Phòs e Seonag NicChoinnich, à Liùrbost, ann an 1949, agus bha iad a' fuireach ann an Inbhir Nis airson greis. Chaidh iad dhachaigh a Leòdhas ann an 1950. Bha ceathrar de theaghlach aca - Chris Ann, Dolina, Iain agus Aonghas.

Bha Iain a' dràibheadh làraidhean Todd, a' giùlain chlòitean suas gu 1959 nuair a thòisich e a' dràibheadh busaichean Hebridean Transport, obair a bh' aige airson 11 bliadhna. Thug e cuideachd bliadhnaichean ag obair pàirt-ùine ann an taigh-seinnse a' Charlton ann a' Steòrnabhagh.

Chaidh e a Ghlaschu ann an 1970 agus bha e ag obair air sgeamaichean togail rathaidean do Chompanaidhean Balfour Beatty agus bha e an ceann a chosnaidh ann an Sruighlea, Uachdar Àrdair agus anns a' Chùl Phort. 'S ann a' dràibheadh a bha e aig a' mhòr-chuid de na h-obraichean sin.

Thuirt Iain aon uair gun robh ball-coise air barrachd tlachd a thoirt dha na bha ceòl is òrain. Chan eil teagamh nach robh ùidh mhòr aige anns a' ghèam agus 's iomadh uair a thìde thoilichte a chuir e seachad a' deasbad air comas chluicheadairean, co-dhiù ma bha iad a' cluich dhan Rubha neo Rangers.

'S e cluicheadair comasach a bh' ann fhèin na latha agus bha e na chluicheadair dìon aig sgioba an Rubha airson dusan bliadhna. B' e na geamaichean cruaidh an aghaidh a' Bhac bu mhotha a bha na tharraing dha. Gu h-annasach cha do chluich e riamh anns an Rubha fhèin oir cha robh pàirc ball-coise anns an sgìre aig an àm.

Bha Iain cuideachd a' cluiche airson greis do Chlach na Cùdain, an Inbhir Nis, ann a' Lìog na Gàidhealtachd agus b' e latha mòr dha-rìribh a bh' ann dha an turas a rinn iad a chùis air Caley 3-0.

Bha ùidh aige ann an òrain bho bha e na bhalach beag agus 's dòcha gun deach sin a bhrosnachadh le athair, a bha ri beagan bàrdachd. Nuair a bha e aig aois faighinn a-steach do na taighean-cèilidh bha sgeulachdan agus òrain nan seòladairean, gu h-àraidh, na chùis iongnaidh dha.

Nuair a tha thu ag èisteachd ri Iain a' seinn tha thu dha-rìribh a' faireachdainn gur e sgeulachd a tha thu a' faighinn bhuaidhe. Piseag Fear Cheòis, Òran an AI, Am Bàla Gaoithe, Òran a' Ghuga agus gu leòr eile ... sgeulachdan èibhinn, eirmseach, geur, air an innse le guth blàth, socair no suigeartach, a rèir brìgh an òrain. Bha dòigh aig Iain air na h-òrain a lìbhrigeadh nach robh aig seinneadair sam bith eile. Bha stoidhle chàirdeil aige, gàire anns na facail cho math ri air aodann agus lasair bheòthail na shùilean.

Bha e a' toirt tlachd mhòr dha a bhith ag innse sgeulachd mu uair a bha e a' clàradh Bàs an Eich agus a dh'fhaighneachd am fear-clàraidh dha dè an t-ainm a chuireadh e air an t-òran sin ann am Beurla. Chuir seo Iain ann am beagan de bhreislich ach bha caraid na chois agus ann an tiotan thàinig esan an-àirde le The Poor Horse that was Buried at Sea. 'S ann mar sin a nochd ainm an òrain air a' chlàr.

Thug Hoddan toileachas gun tomhais do dhaoine le na h-òrain aighearach a sgrìobh a dheagh charaidean leithid Coinneach MacLeòid (Red) agus Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd). Bha comas air leth aige air faireachdainnean bròin a chuir ann an òrain cuideachd, ged-tà, samhail Bidh Mo Dhùthaich ri Tighinn ar m' Aire le Uilleam MacCoinnich.

Shiubhal Iain sa Chèitean, 2007.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.