Iain Camshron, Baile Chaolais

A rèir Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich, fear-deasachaidh An t-Òranaiche, rinn Iain Camshron à Baile Chaolais Chì mi na Mòr-bheanna air a' chiad latha den Fhoghar ann an 1856.

Ann am Baile Chaolais b' e Iain Rob, no Iain Òg Ruaidh, a chante ris. Bha e ag obair anns na cuaraidhean sglèat am Baile Chaolais mus do ghluais e a Ghlaschu far an d' fhuair e obair mar neach-iomlaid bhàtaichean. Tha e coltach gun robh e na bhàrd aig Comann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu agus aig Clann Chamshron.

Thill e air ais gu tuath agus bha e ri marsantachd còmhla ri bràthair bu shine, agus bha croit bheag aige aig Taigh a' Phuirt an Gleann Comhann.

Nuair a chaochail e chaidh a thìodhlacadh air Eilean Mhunda, tarsainn bho bhaile na Càrnaich ann an Loch Lìobhann, seann àite adhlacaidh Dòmhnallaich Ghlinne Comhann, Camshronaich na Callairt agus Stiùbhartaich na h-Apainn.

B' e 'Dùil ri Baile Chaolais Fhaicinn' an tiotal a thug Iain Camshron air Chì mi na Mòr-bheanna agus, leis an t-ainm 'The Mist Covered Mountains of Home' tha e aithnichte fad is farsaing. Chaidh a chluich aig an tìodhlacadh aig Iain F. Ceanadach, Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, a chaidh a mhurt air 22 Samhain, 1963.

Tha e air a bhith air a chlàradh le luchd-ciùil leithid Mark Knopfler agus John Renbourn.

A' bruidhinn ri Comann Gàidhlig Inbhir Nis air 28 Gearran, 1975, dh'fheuch Eòghann Mac a' Phì à Baile Chaolais, a bha airson iomadh bliadhna os cionn Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC, ri dealbh a thoirt air an t-sealladh a ghluais Iain Camshron agus a bhuaidh a tha aige air daoine:

"Nach bu mhaith nan dèanadh sibh moille ann an greasad an latha an-diugh agus beachdachadh air na briathran aig Iain Camshron, Iain Òg Ruaidh. Chitheadh sibh an sealladh a dhealbh esan anns an t-òran a sgrìobh e is e a' cur cùl ris an tìr mu dheas is a' tilleadh dhachaigh, 'An dùil ri Baile Chaolais Fhaicinn', òran a tha aithnichte an-diugh mar Chì mi na Mòr-bheanna.

Chitheadh sibhse bho Thaigh an Rudha, 's e sin an taigh-òsta a tha air taobh tuath a' chaolais, mar a chunnaic esan "na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach" agus "na còrr-bheanna mòra, mullanach".

Thuigeadh sibh an sin mòralachd is bithbhuanlachd a' chruthachaidh. Chitheadh sibh cuideachd bras shruth an lìonaidh is ciùineach a' chonnthraigh."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.