Iain Camshron

Rugadh Iain Camshron, Bàrd Phàislig mar a theirte ris, ann an Eilean Luing sa bhliadhna 1865 ach ghluais an teaghlach gu Baile Chaolais nuair a bha e mu dhà bhliadhna a dh'aois agus sin far na thogadh e.

Bha e càirdeach do dh'Alasdair MacFhionghain a rinn 'Blàr na h-Èipheit' agus An Dubh Ghleannach. Cha robh e ach na ghille òg nuair a chaidh e gu deas agus rinn e a dhachaigh ann am Pàislig.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 16 Dàmhair, 1936, thuirt Iain A. MacNeacail mu dheidhinn:

"A thuilleadh air neart is foghainteachd cuirp, chaidh buadhan inntinn a bhuileachadh air ann an tomhas ro phailt, gu h-àraidh a thaobh meomhair, agus is mòr a chuimhne air òrain, sgeulachdan agus fuinn. A bhàrr air a' sin tha cluas chiùil ghèir aige agus comas gu fuinn a dheilbh nuair a dhùisgeas a shunnd. Na òige, nam b' e rud e 's gun cluinneadh e òran ach aon uair, bhiodh e gu grad suidhichte daingeann air aire. Anns an dòigh seo bha a mheomhair na làn stòras air sàr fhonn, dhuanagan agus òrain a dhùthcha."

Lean MacNeacail air:

"Thug e còrr is sia fichead fonn nach robh riamh roimhe an clò don Chomunn Ghàidhealach. Nam measg tha fuinn a tha an-diugh ainmeil agus cumanta air feadh an t-saoghail – Beinn Dòbhrain, 'Òran an t-Samhraidh', 'Blàr na h-Èipheit', Òran Mòr 'IcLeòid agus gu h-àraidh Coire Cheathaich. 'S ann tron an fhonn seo a chuir Iain Camshron agus Calum MacPhàrlain, nach maireann, eòlas air càch a chèile agus b' e sin càirdeas a lean gu daingeann dlùth am fad 's bu bheò Calum.

"Bha MacPhàrlain a' sgrùdadh na dùthcha air sgath a' Chomuinn airson an fhuinn seo, agus air latha sònraichte thachair e ri Iain air sràid a' bhaile.

"A bheil fonn Coire Cheathaich agad?" arsa Calum.

"Tha" thuirt Iain air a shocair, agus air ball ghabh iad fasgadh anns a' chiad àite freagarrach agus an sin sgrìobh Calum am fonn bho dheachdadh agus stiùireadh a' Chamshronaich."

Thuirt MacNeacail gun d' thug Iain Camshron trì fichead fonn do Chaluim MacPhàrlain. Choisinn Iain prìomh dhuais aig Mòd Shruighlea ann an 1909 le fonn a chuir e air 'Mo Ghràdh Geal 'S Mo Rùn', bàrdachd le Màiri NicEalair.

A dh'aindeoin 's gu robh e leth-cheud bliadhna is còrr, nuair a thòisich an Cogadh Mòr ann an 1914, chaidh Iain Camshron a dh'Inbhir Nis agus ghabh e anns na Camshronaich.

A rèir MhicNeacail, "Bha iomadh duine sgairteil anns an Camshronaich ach, ma bha, cha robh còta no fèileadh rim faotainn a fhreagradh don bhàrd is cha robh air ach gum b' fheudar deise a dhèanamh dha fhèin a-mhàin."

Thàinig e slàn tron chogadh agus bha e beò gu 1951. Thuirt MacNeacail san dealachadh:

"Chan eil mòran ann a thig suas ris mar sheanachaidh no mar làn fhear-ciùil. Gun uaill, gun phròis, the e cho geur ris an sgithinn, cho ait 's a bha e na bhalach, cho beag cron na lochd ris an deilein-dè, agus cho uasal 's bu dual do fhear de chinneadh a bhith. Ged a tha e làn fealla-dhà is sùgraidh, cha chualas riamh aoir bho bhilean na lideadh eile a bheireadh masladh air a bhuadhan mar bhàrd."

Tha grunn dhe na h-òrain aig Iain Camshron, Bàrd Phàislig, air an seinn fhathast, nam measg Air Fail il o Iriag, 'Taobh Loch Eite', Gaol nan Cruinneag agus, ma dh'fhaodte am fear as ainmeile, Gleann Bhaile Chaoil.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.