Iain Caimbeul

Rugadh Iain Caimbeul, Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, anns an Leth Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas air 13 Cèitean, 1855, fear de theaghlach a bha, agus a tha, aithnichte airson bàrdachd agus òrain.

Phòs e Màiri Chaimbeul, nighean Iain Ruaidh, à Loch a' Chàrnain air 28 Samhain, 1893. Bha iad a' fuireach an sin airson greis an dèidh dhaibh pòsadh agus bha ise na pupil-teacher ann aig aon àm. Bha Màiri math air seinn agus chlàr Mairead Fay Seathach mòran òrain bhuaipe.

Tràth anns an fhicheadamh linn, thàinig an teaghlach a dh'fhuireach gu Taobh a Deas Loch Baghasdal. B' e Iain Clachair a chante ri Iain agus bhiodh e a' leantainn na ceàird sin, ag obair mu thimcheall na sgìre. B' e fear de na clachairean a thog Eaglais Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

A thaobh na bàrdachd, cha b' e a cheannach a rinn e. Bha an tàlant anns an teaghlach mar a dh'innis Iain MacAonghais (Iain Pheadair) air BBC Radio nan Gàidheal air 31 Dùbhlachd, 1997:

"Bha Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin ann, 's e bu shine de Chloinn Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, agus, bha mic aige a bha math air na h-òrain. Iain, a' fear as sine, agus bha Aonghas Iain math orra, agus gu h-àraidh Ruaraidh, a' fear ris an cante An Case, bha esan math orra. Agus Seumas, bha e fhèin a cheart cho math."

Bha aon ghille eile, Dòmhnall, agus triùir nighean, Màiri Flòraidh, Annag agus Màiri cuideachd anns an teaghlach. A bharrachd air Òran na Briogais rinn Iain Clachair iomadach òran èibhinn, eirmseach eile, nam measg 'A' Chutaidh Ghlas' agus 'Ged Thug an t-Uisge Beatha Sin mo Char Asam A-raoir'.

Chaochail Iain aig 465 Taobh a Deas Loch Baghasdal air 25 Cèitean, 1934, aig aois 79.

Tha sinn an comain Dhòmhnall Ruairidh Chaimbeil, ogha Iain Chaimbeil, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.