Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

Gillebrìde Mac Ille Mhaoil

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs fhaighinn aig Mòd Dhùn Omhain ann an 2000 agus Bonn Òr a' Chomuinn a bhuannachadh aig Mòd Pheairt ann an 2004, dh'fhoillsich e a' chiad chlàr aige Thogainn Ort Fonn anns an Dùbhlachd, 2006.

'S e neach-teagaisg a th' ann agus bidh e a' sgrìobhadh stuthan-teagaisg agus a' teagasg Gàidhlig aig-astar. Tha e air a bhith a' fuireach anns an Spàinn bho chionn 5 bliadhna ged a bhios e ann an Alba gu math tric gus seinn aig cèilidhean air feadh na dùthcha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.