Flòraidh NicNèill

Flòraidh NicNèill

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh agus 's ann bho màthair agus bho chàirdean leithid Màiri agus Niall MacGillìosa, a dh'ionnsaich i mòran den bheartas òrain a tha aice.

Nuair a ghluais i a Dhùn Èideann ann an 1948, cha b' fhada gun do choisinn i cliù dhi fhèin am measg eòlaichean agus am measg luchd-cruinneachaidh òrain, leithid Hamish Henderson, a thug cuireadh dhi seinn aig an Edinburgh People's Cèilidh ann an 1951, tachartas a thug ceòl is òrain an t-sluaigh gu luchd-èisteachd eadar-nàiseanta.

Bhon uair sin, 's iomadh ceàrnaidh den t-saoghal as a bheil Flòraidh air a bhith a' seinn, a bharrachd air a bhith tric air telebhisean agus air BBC Radio ann Gàidheal.

Is iomadh seinneadair a tha deònach aideachadh gun d' thug an t-seinn aig Flòraidh buaidh orra. Nuair a nochd an clàr aice Craobh nan Ubhal às ùr, sgrìobh Malcolm MacInnes, "Flora is not only heiress to a great tradition - she is also a superb interpreter and performer of Gaelic song, and has been a great ambassador for the music in her many tours out with Scotland. The promotional leaflet which accompanied this album describes Flora as "The Queen of Gaelic singers". The ultimate accolade, but one with which few people with a knowledge of the tradition would disagree."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.