Cunntais-beatha / Biographies

Liosta de na sgrìobhaichean agus na seinneadairean a th' air an làraich, le eachdraidh-beatha mu choinneamh gach fear is tè. An alphabetical list of the writers and singers featured on the site, including biographical information for each person.

Ailean Dòmhnallach

Ailean Dòmhnallach

Rugadh Ailean Dòmhnallach ann a Ròthaisgil air iomall Dhùn Bheagain ann a 1933. Ghluais iad an uair sin a-steach a Dhùn Bheagain seach gu robh ...

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Fhuair ...

Ailean Mac a' Phì (Mac Aonghais)

A rèir an fhiosrachaidh a chruinnich Mairead Fay Shaw ann an Uibhist a Deas agus a dh'fhoillsich i anns an leabhar Folksongs and Folklore of ...

Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall)

Bha Ailean Dall Mac Dhùghaill, a rugadh an Gleann Comhann mun bhliadhna 1750, ag ionnsachadh a bhith na thàilleir nuair a chaill e a fhradharc. ...

Ailean MacIllEathain

Ailean MacIllEathain

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...

Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire

Tha sgoilearan a' smaoineachadh gum buin an t-òran seo do dheireadh an t-siathamh linn deug no toiseach na seachdamh linn deug. Bha e air a ...

Ailig MacIllFhinnein

Rugadh Ailig MacIllFhinnein, Ailigean 'an Ilip, Ailig Iain Fhionnlaigh Alasdair, anns Na Geàrrannan anns a' Ghiblein, 1927, agus b' i Peigi Choinnich 'an Choinnich a ...

Ailig MacNeacail (Ailig Nèill)

Rugadh is thogadh Ailig MacNeacail, Ailig Nèill, ann a' Stafainn timcheall air 1910/12. Coltach ri mòran de cho-aoisean chaidh e gu muir, ach dh'fhuirich e ...

Ailig Màrtainn (Froilig)

Ailig Màrtainn (Froilig)

Rugadh Ailig Màrtainn, Froilig neo Fradhlaic (1903-1969), mac Dhòmhnaill Dhupail, aig 58 Cnoc an t-Solais, air a' Bhac, Leòdhas air 12 Samhain, 1903. B' i ...

Alasdair Boidhd

Alasdair Boidhd

Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dàmhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3
  4. 4
  5. 5
  6. 6
  7. 7
  8. 8

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.