Eòghann MacLachlainn

B' ann à Torra Calltainn air tuathanas Choir Uanain faisg air a' Ghearastan a bha Eòghann MacLachlainn (1773-1822).

B' e mac breabadair a bh' ann, an còigeamh leanabh de naoi, ach, le taic bho Dhòmhnallach Ghlinne Garadh, fhuair e foghlam an Oilthigh Obar Dheathain, am baile far an do shaothraich e fad a bheatha.

Bha leabhar-lann King's College fo chùram airson greis, agus bha e na cheannard-sgoile air an Grammar School of Old Aberdeen.

Bha MacLachlainn foghlaimichte anns na cànanan clasaigeach ach, cuideachd, bha eòlas farsaing aige air Gàidhlig. A dh'aindeoin 's gu robh e a' fulang le fìor dhroch shlàinte aig amannan, rinn e mòran obair sgoilearachd, air faclair Gàidhlig, air Leabhar Deadhan Lios Mòr agus air làmh-sgrìobhainnean eile.

Bhiodh e ri bàrdachd ann an Laideann, an Greugais, an Gàidhlig agus am Beurla mar a chithear anns an leabhar aige Metrical Effusions a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1807.

Dh'eadar-theangaich e gu Gàidhlig cuibhreann mòr den Iliad aig Homer agus chaidh sin fhoillseachadh còmhla ri bàrdachd a sgrìobh e mu na ràithean ann an 1937.

Chaidh an t-sèist agus a' chiad cheathramh den òran Ealaidh Ghaoil (Gur Gile Mo Leannan) a dhèanamh le tè NicChoinnich aig àm nuair a chùm cion slàinte i bho comanachadh ann an Srath Mòr Loch Bhraoin a fhrithealadh. Mar tha i ag ràdh, "Gur bòidheach an comann th' aig coinneamh 'n t-Srath Mhòir".

Ann an Obar Dheathain latha, chuala MacLachlainn oileanaich Ghàidhealach a' seinn an laoidh. Chòrd am fonn ris cho math 's gun do thog e an t-sèist agus a' chiad rann. Rinn e beagan atharrachadh air an dà shreath mu dheireadh den rann sin agus sgrìobh e fhèin na ceathramhan eile.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.