Eòghainn MacLeòid

Eòghainn MacLeòid

'S ann à Scalpaigh a tha Eòghainn MacLeòid, an ceathramh leanabh aig Sandra agus aig Ceanaidh MacLeòid. Chaidh e do Bhun-sgoil Scalpaigh, agus rinn e dà bhliadhna san àrd-sgoil air an eilean mus deach e do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart.

Chaidh Eòghainn an uair sin chun an iasgaich, ann am bàtaichean Scalpach is Leòdhasach agus 's ann ri linn a bhith am measg nan iasgairean a thòisich e a' gabhail ùidh às ùr na chànan agus na dhualchas.

Thachair e ri bhean, Kathleen, ann an 2003 agus phòs iad an ath bhliadhna. 'S ise an nighean aig Uilleam Caimbeul (Uilleam Teddy), a rinn an t-òran Gad Ionndrainn nuair a chaochail a bhean 's gun Kathleen 's a peathraichean ach òg.

Tha Eòghainn agus Kathleen an-diugh a' fuireach anns An Eaglais Bhreac agus tha dithis nighean bheag aca, Johanna agus Eilidh.

Thòisich Eòghainn ag obair aig Poilis Srath Chluaidh aig deireadh 2005 agus tha e an-sàs ann an dìon theaghlaichean.

Thòisich e a' gabhail pàirt ann an dràma agus a' seinn aig a' Mhòd nuair a bha e anns an sgoil. Choisinn e a' chiad duais airson seinn anns an t-Seann Nòs, aois 16 gu 18, aig Mòd an Dùn Omhain. Tha e air a bhith a' seinn ann an Còisir Sgìre a' Bhac, agus, on thàinig e a dh'fhuireach dhan Eaglais Bhreac, ann an Còisir Chomar nan Allt.

Thòisich e Fòram Gàidhlig na h-Eaglaise Brice airson Gàidhlig agus a dualchas a thoirt gu aire muinntir an àite.

Tha Eòghainn air a bhith a' dèanamh barrachd seinn o chionn bliadhna no dhà, agus bhuinnig e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Ghallaibh ann an 2010. Tha Mòrag NicLeòid, a chleachd a bhith ag obair ann an Sgoil Eòlais na h-Alba càirdeach dha, agus tha i toirt comhairle dha. A bharrachd air sin tha e a' faighinn cuideachadh mòr o Mhàiri Anna Nic Ille Dhuinn, às na Hearadh, a tha cumail sùil air Gàidhlig sa chòisir.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.