Eilidh NicChoinnich

Eilidh NicChoinnich

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a dh'aois.

Tha a h-athair, Rodney, no mar as fheàrr leis, Roddy MacCoinnich, mac Dhòmhnaill a' Phuist, à Clais an Easaidh anns an Stòr, faisg air Loch an Inbhir.

Bha a mhàthair, Kitty Alice NicChoinnich à Cùl Cinn an Stòir, ach bhàsaich i nuair a bha e na phàisde. Ged a phòs Dòmhnall a-rithist, cha robh Gàidhlig aig an dara bean, Anna NicDhòmhnaill, 's le sin, ged a bha Gàidhlig fhileanta aig a' chlann bu shine san teaghlach, cha robh ach beagan aig na feadhainn a b' òige.

'S ann à Abernyte, faisg air Dùn Dèagh a tha Alison Miller, màthair Eilidh, agus, ged nach eil Gàidhlig aice fhèin, rugadh is a thogadh a seanmhair, Mairead NicDhòmhnaill, ann an Inbhir Nis agus bha Gàidhlig gu leòr aice-se.

Tha ceathrar nighean aig Roddy agus Alison - Sheila, Eilidh, Gillian agus Fiona.

Chaidh Eilidh don sgoil air a' Bhac agus ann a' Steòrnabhagh mus deach i do dh'Oilthigh Ghlaschu. Cheumnaich i ann an 1989 le Urram ann an Ceiltis agus Ceòl. An uair sin fhuair i sgoilearachd airson a dhol gu Oilthigh St. Francis Xavier ann an Alba Nuadh airson bliadhna. Nuair a thill i à Canada rinn i bliadhna eile air Ceòl Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu.

Ann an 1991 phòs Eilidh an Dotair Coinneach Barker à Blanefield faisg air Glaschu. Rinn iad an dachaigh an toiseach ann an Abernyte, ach o chionn deich bliadhna tha an dachaigh air a bhith ann am baile beag, Arpafeelie, faisg air Inbhir Nis.

Tha ceathrar chloinne aca – Calum, Seumas, Dòmhnall agus Peigi.

Thòisich Eilidh a' seinn 's i dìreach na pàiste. Bhiodh a h-athair a' seinn dhan chloinn gu math tric, gu h-àraidh sa chàr! Ged nach robh a màthair a' seinn air beulaibh dhaoine, bhiodh i a' seinn dhan teaghlach agus gam misneachadh.

Dh'ionnsaich Eilidh mòran òrain bho a h-athair ach bha buaidh mhòr cuideachd aig Kenny, brathair a h-athar agus a bhean, Marlene, agus Joan, piuthar Marlene, oirre. Tha iadsan fhathast a' fuireach ann an Loch an Inbhir agus nuair a bha Eilidh òg bhiodh iad tric a' tadhal orra agus gach turas biodh cèilidh ann. Tha iad uile math air seinn agus gu h-àraidh math air seinn ann an co-sheirm, òrain Gàidhlig agus cuideachd òrain Ameireaganach.

Aig diofar amannan na beatha bha Eilidh a' seinn ann an Còisir Òg a' Bhac, Còisir a' Loch a Tuath, Còisir Sgìr' a' Bhac agus ann an Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Shruighlea ann an 1987.

Tha Eilidh a' seinn fhathast leatha fhèin agus còmhla ri a peathraichean, Gillian agus Fiona, mar an còmhlan Mackenzie, ged a tha e doirbh dhaibh tighinn còmhla tric chionns gu bheil deichnear chloinne aca eatorra.

Tha i a' dèanamh cèol còmhla ri òigridh ann an sgoiltean faisg air Inbhir Nis. Bidh i a' teagasg aig Fèisean agus airson Comhairle na Gàidhealtachd. Tha i cuideachd a' teagaisg Canntaireachd, buidheann de dheugairean à sgìre Inbhir Nis agus Còisir G, deugairean a tha tighinn à iomadh baile air Ghàidhealtachd. Chan eil càil as fheàrr leatha na bhith a' dèanamh ceòl còmhla ri a teaghlach fhèin nuair a tha iad uile a-staigh.

Ged a tha ùidh mhòr aig Eilidh ann an òrain thraidiseanta, agus aig an àm seo ann an òrain à Sgìre an Stòir gu h-àraidh, tha i air iomadh òran ùr a sgrìobhadh 's i a' creidsinn gu bheil sin air leth cudthromach. Tha sinn a' fuireach aig àm a tha sònraichte agus bu chòir dhuinn cur ris an dualchas le òrain a bhuineas don àm sin mar a rinn gach linn a thàinig romhainn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.