Eanraig MacIlleBhàin (Fionn)

Eanraig MacIlleBhàin (Fionn)

Rugadh Eanraig MacIlleBhàin, no Fionn mar a dh'aithnichear e, ann an 1852 ann an Eilean Èisdeal an Earra-Ghàidheal, far an robh athair, Iain, na mhanaidsear air na cuaraidhean sglèat. Ghluais Eanraig a Ghlaschu na dhuine òg agus chuir e seachad an còrr dhe bheatha sa bhaile.

Tha sinn a' faighinn sealladh air, anns na bha aig Donnchadh MacCalum ri ràdh mu dheidhinn air prògram Gàidhlig a' BhBC air 15/05/1950:

"Bha Fionn na dhuine fialaidh, còmhstach, coibhneil, daonnan air ghluasad às leth dhaoine eile, air glè bheag buannachd dha fhèin.

An toiseach chaidh e ri clèirsneachd ach cha robh a' chlèirsneachd ach suarach, làmh ris an obair mhòr a rinn e às leth na Gàidhlig, às leth na Gàidhealtachd, a bàrdachd agus a ceòl.

Cha robh a leithid ann a dhèanadh eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Beurla agus bho Bheurla gu Gàidhlig. Aon obair ghleusda a rinn e, agus b' e sin Achd nan Croitearan eadar-theangachadh bhon Bheurla gu Gàidhlig. Thug e buaidh le onair air gach facal annasach agus cudromach a gheibhear ann an Achd Pàrlamaid. Bha na croitearan fada, fada na chomain."

Bha Fionn fad iomadh bliadhna a' sgrìobhadh Litir Ghlaschu as an Oban Times agus bha e gu mòr air taobh nan croitearan anns an t-strì a bha aca airson còraichean fhaighinn air an fhearann. 'S iomadh facal a sgrìobh e agus 's iomadh facal a thuirt e, às an leth, rud nach robh cumanta no furasta aig an àm.

Anns a' bhliadhna 1881 nochd a' chiad leabhar bhuaidhe, The Celtic Garland, anns an robh cruinneachadh de dh'òrain, cuid leis fhèin, cuid le daoine eile. Bha cuid de na h-òrain a b' fhasanta aig an àm ann, mar eisimpleir 'The Braes o' Marr', 'My Hielan' Hame', 'Jock o' Hazeldean' agus 'Mary of Argyll', iad air an eadar-theangachadh leis fhèin bho Bheurla gu Gàidhlig.

Bha e sgileil air eadar-theangachadh agus is iomadh seinneadair a bha na chomain nuair a bhiodh iad a' gabhail ann am Beurla 'My Faithful Fair One' agus 'Sad am I and Sorrow Laden' no 'Mo Rùn Geal Dìleas' agus Och nan Och, na Bheil air m' Aire.

Bha cuideachd mu 30 Gaelic Readings anns an leabhar, sgeulachdan àbhachdach le tiotalan mar Taigh Lachainn Fhaoin, Dà Mhinisteir Mhaide, Far Am Bi an Toil Bidh an Gnìomh; Eòghann Ruadh aig a' Mhòd, Turas Phàruig don Taigh Mhòr; Calum Bodhar agus an t-Uircean agus Am Fear a Ghoid am Muc.

Bha fèill mhòr air The Celtic Garland mar a bha air an ath leabhar a chuir Fionn an clò. B' e seo The Celtic Lyre, a nochd ann an 1898, cruinneachadh de dh'òrain le ceòl san dà chuid staff agus sol fa. B' e seo, am beachd cuid, an cruinneachadh òrain Ghàidhlig a bu shoirbheachail riamh.

Anns a' bhliadhna 1898 chuir Fionn a-mach Leabhar na Cèilidh, sgeulachdan ait agus dàin aighearach.

Mu dheireadh a làithean thugadh dha peinnsean beag à sporan na rìoghachd airson na rinn e às leth na Gàidhlig. Fhuair Iain a bhràthair a leithid eile air an aon adhbhar. B' esan a thug sìos mòran de na h-òrain aig Màiri Mhòr nan Òran bho a h-aithris fhèin.

Chaochail Eanraig MacIlleBhàin air 28 Dùbhlachd, 1913, 's gun e ach 61. Tha e air adhlacadh anns an Western Necropolis an Glaschu. Chruinnich Gàidheil bho air feadh an t-saoghail airgead airson leac a chuir os cionn na h-uaigh aige. Air an leac tha sgrìobhte:

"Ghràdhaich e a' Ghàidhlig agus sgrìobh e gu h-ealanta i. B' e ghnàths eòlas air ceòl, bàrdachd agus eachdraidh a chinnidh a chraobh-sgaoileadh, an cùisean a chòmhnadh is an còraichean a thagradh."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.