Ealasaid Ros (A' Bhaintighearna D'Oyly)

Rugadh Ealasaid Jane Ros air 17 Sultain, 1789. Bha a h-athair, Tòmas, a bhuineadh don Ghearastan, anns an arm agus b' e nighean le MacLeòid Ratharsair a bha ann an Iseabail Rose, a màthair. Bha piuthar na b' òige aig Ealasaid, a bha air a h-ainmeachadh Iseabail Rose às dèidh a màthair.

Chaidh Tòmas a dhroch leòn anns na h-Innseachan agus b' ann an dèidh dha bàsachadh a rugadh piuthar Ealasaid. Chan eil fios dè a thachair do am màthair ach thill an dithis nighean bheag air ais às na h-Innseachan nan dìlleachdain.

Ann an 1805, ghabh bràthair am màthar, Seumas MacLeòid, Triath Ratharsair agus a bhean, Flòraidh, an cùram. Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl agus b' e deagh fhìdhleir a bh' ann fhèin. Chaidh Ealasaid a chuir do Sgoil Mary Erskine ann an Dùn Èideann far an d' fhuair i, a rèir coltais, deagh ionnsachadh ann an cèol.

Thòisich i a' cruinneachadh fuinn agus òrain agus tha e coltach gum biodh i a' cluich ceòl mòr na pìoba air a' phiàna, ceòl a bha i a' toirt sìos bho Iain MacRuaraidh, Caoidheach, a bha na phìobaire aig teaghlach Mhic Gille Chaluim. Chluicheadh i a' chlàrsach cuideachd.

Tha an làmh-sgrìobhainn aice, leis na fuinn a chruinnich i ach gun fhacail, ann an Sgoil Eòlais na h-Alba agus tha an sgoilear-ciùil Peter Cook ga dheasachadh airson fhoillseachadh aig an àm seo.

Ann an 1814, thill an dà phiuthar do na h-Innseachan, ma dh'fhaoidte ach am faigheadh iad cèile, agus cha b' fhada gus na phòs an dithis aca. Phòs Iseabail an toiseach, agus phòs Ealasaid Sir Teàrlach D'Oyly ann an 1815. B' i an dàrna bean aige agus bha e mu 18 bliadhna na bu shine na i. Cha robh teaghlach aca ach tha h-uile coltas gu robh iad sona còmhla fad iomadh bliadhna.

Bha Sir Teàrlach na dhealbhadair ealanta agus na bhàrdm agus bha an dachaigh aca ann am Patna na àite-cruinneachaidh do luchd-ealain Eòrpach anns na h-Innseachan.

Nuair a leig Sir Teàrlach dheth a dhreuchd thill iad dhan Roinn Eòrpa, a' fuireach an toiseach ann a' Sasainn agus an uair sin greis faisg air Livorno as an Eadailt. Nuair a chaochail a cèile ann an 1845, thill Ealasaid a Shasainn, a dh'fhuireach ann an Steepleton House ann am Preston, Dorset.

Tha ceithir de na h-òrain Ghàidhlig a sgrìobh i rin lorg anns an leabhar, An t-Òranaiche aig Mac na Ceàrdaich. Chaidh leabhar beag leatha fhèin, le 10 òrain ann, fhoillseachadh an Glaschu ann an 1875.

A' bruidhinn mu na h-òrain aice air BBC Radio nan Gàidheal, thuirt an sgoilear Gàidhlig, an t-Ollamh Iain MacAonghais:

"Ged tha cuid de luchd-sgrùdaidh bàrdachd Ghàidhlig an-diugh a' meas nach eil mòran brìgh as na h-òrain aice, duine sam bith aig a bheil spèis agus diù dhan t-seann seòrsa bàrdachd, chanadh iad gu bheil rud anabarrach grinn, saoilidh mise, as na h-òrain aig Lady D'Oyly."

Chaochail Ealasaid Ros, A' Bhaintighearna D'Oyly, ann an Sasainn air 1 Ògmhios, 1875, aig aois 86.

Tha sinn an comain Meg Bateman agus Peter Cooke airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.