Eàirdsidh MacIllEathain

Rugadh Eàirdsidh MacIllEathain ann an 1918 anns a' Ghearastan ach thogadh e ann an Innis Lagain, baile beag air bruaich a tuath Loch Garadh, mu ochd mìle an iar air Inbhir Garadh.

Ron Dàrna Cogadh bha e ann an Lunnainn, ag ionnsachadh ciùil agus stiùireadh-ciùil ach nuair a chaidh an cogadh a ghairm ghabh e dhan Chabhlaich Rìoghail far an robh e ri obair rèidio.

Nuair a ghluais na Gearmailtich thairis air crìochan Nirribhidh bha Eàirdsidh air an t-soitheach cogaidh a thug Teaghlach Rìoghail Nirribhidh às an dùthaich aca fhèin gu ruige Breatainn.

A-riamh an dèidh sin bha fàilte bhlàth roimhe mar laoch ann an Nirribhidh agus bhiodh e fhèin agus a bhean, Màiri, tric a' dol ann air làithean-saora. Bha triùir chloinne aige fhèin agus aig Màiri; Calum, Mhàiri agus Sheena, aig an robh dachaigh ann an Nirribhidh.

Gu mì-fhortanach rinn fuaim nan gunnaichean mòra àm a' chogaidh cron air a chlaisneachd chun na h-ìre 's nach b' urrainn dha tilleadh gu ceòl gu proifeiseanta an dèidh a' chogaidh. Thug e greis ag obair do Mhinistrealachd an Dìon agus bha e cuideachd greis air fhastadh aig A' Chomunn Ghàidhealach, a' teagaisg ciùil ann an diofar sgoiltean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1958, ann an Glaschu. Ged a bha e air a bhith feuchainn aig Mòdan an Obar Dheathain agus am Peairt ron a seo, b' e seo a' chiad turas aige sa chuairt dheireannaich.

Bha Eàirdsidh a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Sruighlea agus bha e mar mheadhan air Coisir Òg Ghàidhlig Shruighlea a thòiseachadh. Thug e greis ùine cuideachd a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn ann an Glaschu.

B' e fìdhleir air leth a bh' ann agus 's ann uair ainneamh nach biodh an fhidheall na chois, gu h-àraidh air a chuairtean gu Nirribhidh far an robh e a' faighinn mòr thlachd à bhith a' chluich còmhla ri fìdhleirean na dùthcha sin.

B' e duine air leth ceòlmhor a bha ann an Eàirdsidh. Bha e daonnan deònach seinneadairean is luchd-ciùil eile a chuideachadh agus cha robh càil a b' fheàrr leis na deagh oidhche le deagh chuideachd, òrain Ghàidhlig agus ceòl na fìdhle.

Chaochail Eàirdsidh gu h-obann air 3 Dàmhair 2007.

Tha sinn gu mòr an comain Sheumais Chaimbeul airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.