Eàirdsidh Grannd

Eàirdsidh Grannd

Ged a rugadh Eàirdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gàidhlig mar chiad chànan. Bha e seachd bliadhna nuair a thill a phàrantan dhan Eilean Sgitheanach. Bha athair, Coinneach, à Hùsabost an Gleann Dail agus bha a mhàthair, Ciorstaidh Tuairneir, à Port na h-Abhainne an Ìle.

Thòisich Eàirdsidh a' seinn gu math òg. Dh'innseadh e mar a bha cuimhne aige gun do sheinn e A Fhleasgaich an Fhuilt Chraobhaich Chais aig banais ann an Lenzie nuair a bha e dìreach ceithir bliadhna a dh'aois.

A' bruidhinn ri Fred MacAmhlaigh air BBC Radio nan Gàidheal air 19/12/1985, thuirt e mu dheidhinn fhèin:

"Bha e annam fhìn ga mo bhreith, mar gum biodh, agus cha robh sian mar sin riamh, ach dìreach a' rud a thog mi fhìn. Thog mi mòran bho mo mhàthair. Bha ise math. Bha i ceòlmhor."

Dh'fhuirich e san Eilean Sgitheanach gus an robh e mu ochd-deug:

"Bhithinn a' seinn a-mach a' buachailleachd a' chruidh, air na cnocan."

An uair sin thill e a Ghlaschu far an d' fhuair e obair aig na rathaidean iarainn agus an uair sin aig docaichean Chluaidh. Bha e na bhall de Chòisir Eaglais Chaluim Chille, a bha fo stiùireadh Dhòmhnaill MhicColla agus, anns a' bhliadhna 1927, sheinn e leis fhèin airson a' chiad uair, an Talla nan Crìosdaidhean.

Ceithir bliadhna an dèidh sin, ann an 1931, chaidh e gu Mòd Inbhir Pheofharain agus, aig aois 29, air a' chiad oidhirp, fhuair e am Bonn Òr agus Bonn an Òbain agus Latharna agus a' chiad duais air son mith-òrain.

"Bha mi taingeil nach robh agam ri dhol air ais. Fhuair mi an dà mhedal agus fhuair mi unpublished song, 's fhuair mi h-uile sìon a' bhliadhna sin, 's cha deach mi air ais tuilleadh."

An dèidh seo, bhathar ga iarraidh aig gach cuirm is cèilidh air feadh Alba agus ann an Lunnainn cuideachd. Ann an 1931, rinn e a' chiad chlàr airson Beltona. Cha deach an latha sin, ann am Peairt, a-riamh às a chuimhne, no an t-òran a sheinn e, Don Chuthaig:

"Talla mhòr agus bha uinneag as a' bhalla agus bha an fheadhainn a bha a' cur air adhart a' rud, thug iad orm seasamh. Bha mark air a chuir air an làr, 's thug iad orm seasamh air a' mhark a bha sin. Agus bha solas dearg a' dol air, 's nuair a bha a' solas dearg air, bha agad an uair sin ri tòiseachadh. Agus thòisich mi air seinn, 's nuair a bha an t-òran seachad 's mi deiseil a' seinn, 's ann a dh'fhaighnich iad dhomh am bu toigh leam an t-òran, mi fhìn a chluinntinn.

"Well", thuirt mi, "b' eadh." Cha chuala mi mi fhìn a seinn a-riamh chun a seo, agus bu thoigh leam a chluinntinn ceart gu leòr. Agus chuir iad air e. Agus, O, bha e uabhasach neònach gam chluinntinn fhìn a' seinn a' chiad uair riamh.

Agus thuirt iad rium an uair sin gum feumainn seinn a-rithist, airson an clàr a rinn mi, gu robh e air a mhilleadh. Aon uair 's gun seinn thu e, cha ghabh e dèanamh a-rithist agus feumar clàr ùr a dhèanamh. Sheinn mise an clàr agus sin an clàr a th' agam an-diugh."

Rinn Eàirdsidh suas ri 30 clàr air fad agus bha fèill mhòr orra. Ghabh e pàirt cuideachd ann an dealbhan-chluiche bheaga mar Breith Là an Uachdarain air clàr.

Ann an 1941 phòs e Mòr Dhòmhnaill Iain Seòladair bhon Achadh Mhòr ann a' Leòdhas. Bha dithis nighean aca, Kirsteen agus Màiri.

Cha b' e a-mhàin gum biodh Eàirdsidh a' gabhail òrain, chuireadh e fhèin fonn riutha cuideachd. Am measg nan òran ris an do chuir e fonn, tha 'Gad Chuimhneachadh', 'Seòlaidh Mise Null', 'Eilean Àlainn Leòdhais', 'Eilean na Hearadh', 'Bàta Phort Rìgh', 'Tiugainn do Scalpaigh' agus Gillean Uibhist.

Bha Eàirdsidh a' seinn còmhla ris na seinneadairean a b' ainmeile na latha, rud ris nach robh dùil aige:

"Mas do thòisich mise air seinn, bhithinn na mo shuidhe còmhla ri càch as an talla agus a' faicinn an fheadhainn eile, Niall MacIllEathain 's a bhean, 's Kenny MacRae 's a h-uile duine dol suas. Agus 's ann a bha farmad agam riutha. Agus bhithinn ag ràdh, "Nach biodh e brèagha nam b' urrainn dhomh dol suas còmhla ris na daoine sin." Agus cha do smaoinich mi riamh gum bithinn ann, uair no uair às dèidh sin."

Bha seinn a' còrdadh ris, gu h-àraidh aig na cruinneachaidhean mòra a bha an Glaschu ri linn:

"Gu dearbha, 's e sealladh a bh' ann. A' seasamh ann a' shin agus a' faicinn an sluagh a bha mud choinneamh an uair sin. Bha e brèagha a' faicinn mìle no dhà air do bheulaibh agus tu a' seinn. Agus 's e a b' fheàrr leamsa riamh na dhol a-staigh gu talla 's gun ann ach 's dòcha ceud no leth-cheud no dà cheud duine. B' fheàrr leam a bhith seinn ann an Talla Naomh Anndrais nuair a bhiodh i làn. Bha e fada na b' inntinniche 's bha e na b' fhasa dhomh fhìn a bhith seinn."

Anns an iris, Gairm 32, Samhradh 1960, fhreagair Eàirdsidh a' cheist - cò an oidhche air am b' fheàrr air an robh cuimhne aige?

"Cha tug e guth air na cuirmean mòra aig an do sheinn e, no air an oidhche bu mhotha air an do bhuaileadh na basan. "An oidhche" ars esan, "a mharbhadh an Kaid agus a sheinn mi Cumha MhicCruimein le Mairead Hill-Boyle a' cluiche an òrgain."

B' e an Kaid, Iain Kaid MacIllEathain a sgrìobh an t-òran ''S Truagh Nach Robh Mis' ann an Eilean mo Chridh'' agus òrain Bheurla mar 'The Shinty Referee' agus 'Way up in Clachan'.

Chaochail Eàirdsidh Grannd air 17 Faoilleach, 1991, aig aois 88. Bha a dhachaigh aig 58 White Street, ann am Partaig an Glaschu.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.