Eachann MacFhionghain

Rugadh Eachann MacFhionghain ann am Beàrnaraigh air 26 Dùbhlachd, 1886. Fhuair e a' bhàrdachd bho dà thaobh. Bhuineadh cuideachd athair, Fionnlagh Bàn, do Mhuile agus bha càirdeas aige ri Bàrd Tighearna Chola. Bha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh ann an sloinneadh a mhàthair.

Anns a' chiad chogadh nuair a chaidh am bàta air an robh e, an Ermine, a chuir fodha aig na Dardanelles, chuala Eachann guth Dhè a' labhairt ris anns a' ghàbhadh anns an robh e. B' ann ri linn sin a thàinig atharrachadh na bheatha.

Thill e a Bheàrnaraigh an dèidh a' chogaidh. Phòs e Ceit NicLeòid, Ceit Ruaraidh Chùbair, agus bha ceathrar a theaghlach aca; Nellie, Ruaraidh, Màiri agus Donnchadh. Bha e ri postaireachd fad 35 bliadhna gus na leig e seachad e an 1951. Bhiodh e fhèin agus a bhràthair ag aiseag nam pocannan de litrichean is de pharsailean à Uibhist agus gan toirt gu dachaighean air feadh an eilein. 'S iomadh riasladh is cruadal a bha an cois na h-obrach seo, ach dh'fhàg e gu robh Eachann eòlach air gach dachaigh an Beàrnaraigh.

Dhèanadh e rann beag eirmseach an làrach nam bonn mu gach annas mun cluinneadh e, no a chitheadh e, air a chuairt. Mar eisimpleir, turas is e air cunntas a phàigheadh ann am Bùth Ailig, fhuair e ann an iomlaid seann sgillinn a bha a' coimhead car dorcha. Ars esan:

A' sgillinn a thugadh don Bhàrd
'S ann Dimàirt a fhuair e i;
Feumaidh gu robh i san àirc
'S e sin a dh'fhàg cho duanaidh i.

Turas eile agus e aig coinneamh-taighe an taigh Aonghais Ruaraidh Chùbair ann am Brùsda, fhuair na bh' ann cupa tì an dèidh an adhraidh. Nuair a chunnaic Eachann boireannach a bha na suidhe ri thaobh a' faighinn truinnsear làn bìdh, mach a thàinig an ceathramh seo:

Ma dh'itheas tu na fhuair thu
Cha ghluais thu 's cha chàraich thu;
'S e tractar Aonghais Ruaraidh
Chuireas sìos dhachaigh thu.

Gu h-àraidh nuair a bha e òg, bha Eachann a' cur an cèill ann an òrain cho fìor mheasail agus a bha e air Beàrnaraigh agus air muinntir Bheàrnaraigh. Rinn e na ficheadan de dh'òrain air iomadh cuspair, cogadh is sìth, beatha is bàs, gràdh agus gràdh dùthcha, maise nàdair, cumhaichean is marbhrainn, laoidhean agus dàin spioradail.

Bhiodh e tric an ceann an adhraidh an Eaglais Chùl na Beinne, gu h-àraidh nuair a bha an coitheanal gun mhinisteir stèidhichte. Anns an laoidh mu dheireadh a rinn e, tha e ag iarraidh air an luchd-èisteachd gabhail ri Crìosda ann an làithean a' chothroim 's an t-slàinte:

Tha àm gu tighinn 's am gu triall
Mar lìonadh agus tràghadh;
Tha àm gu cur is àm gu buain
Le teas is fuachd gu brath.
Tha àm gu gul is àm gu bròn
Tha àm gu ceòl is gàir;
Tha àm gu ùrnaigh air ur glùin
A' tabhairt ùmhlachd dha.

Nuair a chaochail Eachann air 22 Dùbhlachd, 1954, rinneadh co-dhiù còig marbhrannan dha. Bha aon dhiubh sin air a dhèanamh le gille òg à Beàrnaraigh, mar a dh'innis an t-Ollamh Urr. Ruaraidh MacLeòid ann am prògram a rinn e mu Eachann do BBC Radio nan Gàidheal air 24/03/1999:

"Bha Dòmhnall Màrtainn, seòladair òg à Beàrnaraigh, a' marcachd nan tonn nuair a chual' e gun do dh'eug an curaidh spioradail seo. As a' chumha a rinn esan do Eachann, tha e a' leigeil fhaicinn gu robh buaidh iongantach aig a' bhàrd le a nàdar blàth 's le bhriathran glice air òigridh an eilein. Tha Dòmhnall Màrtainn a' dèanamh luaidh air Eachann mar fhear ùrnaigh a bhiodh an còmhnaidh a' tagradh as leth chàich:

"Tha làrach do ghlùin 's gach cùil an eilean mo ghràidh
Far am biodh tu a' lùbadh ag ùrnaigh a dh'oidhche 's a là."

Agus tha e a' cuimhneachadh air mar a bha mòran eile a bha ga chaoidh mar:

Fear crathadh mo làmh le bàigh nuair thiginn nad chòir
'S e dhùraigeadh slàint' do chàch tha fuireach sa chrò."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.