Eachann MacCoinnich

Eachann MacCoinnich

Rugadh Eachann MacCoinnich, Eachann Thormoid Mhòir, air 11 Màrt, 1926, ann an Geàrrloch. Bhuineadh a mhàthair, Ceit Nic a' Phearsain do na h-Obanan, ann an sgìre Gheàrrloch. Bha athair às a' Chreig, eadar Dìobaig agus an Rudha Dearg agus bha e air iomadach bliadhna a chuir seachad ann an Canada na òige.

Chaidh Eachann gu Bun-sgoil Ach a' Càirn agus an dèidh sin do dh'Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain. Chaidh e dhan Nèibhidh aig àm a' chogaidh agus bha e air na bàtaichean a bha a' trusadh mèinneachan eadar Liverpool agus Holyhead. Aig deireadh a' chogaidh bha e ann an Nirribhidh far an robh aca ri stèisean wireless a thogail.

Nuair a bha an cogadh seachad chaidh e air ais dhan sgoil a dh'ionnsachadh cuspairean a dh'fheumadh e airson faighinn dhan oilthigh. Chaidh e a dh'Oilthigh Ghlaschu far do cheumnaiche e le M.A. ann an 1950 agus chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain airson teisteanais teagaisg fhaighinn an dèidh sin.

'S ann ann an Siorrachd Rois agus ann an Cataibh a bha a' chiad chosnadh a fhuair e, ag obair às leth Comataidh na Gàidhlig agus Foghlam Foirmeil, ag ionnsachadh Gàidhlig don chloinn ann an sgoiltean na sgìre. Bha Eachann beagan mhìosan anns a' Bhlàr Dhubh gus an deach iarraidh air a dhol gu Colaiste an Àiteachais ann am Baile Mac Ara, far an robh balaich às na h-eileanan agus às na sgìrean croitearachd. Thug e dà bhliadhna an sin.

An dèidh ùine ghoirid ann an Ìle, chaidh e air ais a Ghlaschu agus b' ann an sin a choinnich e ri bhean, Anna Ghreumach, a rugadh ann an Bruach Chluaidh. Bha ise cuideachd a' teagaisg ann an Glaschu agus phòs iad ann an 1959. Bha còignear de theaghlach aca, triùir nighean agus dithis bhalach.

An dèidh pòsadh, thill Eachann gu tuath agus bha e mu dheich bliadhna ann a Sgoil Lagaidh, air Taobh Sear Rois mus do ghluais e gu Sgoil Bun Lòchaidh, anns an Eilean Dubh. Bha e an sin airson còrr air fichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1991. Thill Eachann an uair sin air ais do Gheàrrloch airson greis ach tha e a-nise a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Bha comas seinn anns an teaghlach agus bhiodh e fhèin a' seinn aig cèilidhean. Ged robh miann mòr sam bith aige fhèin air a bhith a' gabhail pàirt ann an co-fharpaisean bha Eachann tric na bhritheamh aig Mòdan.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.