Donnie Murdo MacLeòid

Donnie Murdo MacLeòid

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gàidhlig mar chiad chànan, rud nach robh cho àbhaisteach am measg a cho-aoisean.

An-diugh tha a dhachaigh an Obar Dheathain, ged a tha a chuid obair mar eòlaiche foghlaim ga thoirt fada is farsaing anns an dùthaich seo agus thall thairis.

Nuair a bha e san oilthigh an Obar Dheathain thug seinneadairean leithid Seonag NicChoinnich, Flòraidh NicNèill agus an t-Urr. Uilleam MacMhathain buaidh mhòr air.

Fhuair e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1996 agus duais airson seinn nan salm aig Mòd eile. Tha e tric a' nochdadh aig cuirmean, air a' rèidio agus air an telebhisean, a' seinn òrain, sailm agus laoidhean.

B' ann bho Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) à Uibhist a Deas a thàinig am fonn a tha aig Donnie Murdo air Òran an t-Saighdeir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.