Donnchadh Peutan

Seo mar a bhruidhinn Ceana Chaimbeul air Donnchadh Peutan à Siadar, ann an Uig an Eilein Sgitheanaich, a tha a' seinn an t-òran Eala nan Cuaintean.

"'S e fear a bha ann an Donnchadh Peutan aig an robh ùidh mhòr ann an òrain agus alt neo-àbhaisteach air an gabhail. 'S e fear a bha ann cuideachd aig an robh eòlas air bristeadh cridhe, oir chaochail a bhean nuair a rugadh an aona leanabh a bh' aca.

Tha mi ann an comain dithis à Ùige airson mo chuideachadh a' trusadh fiosrachaidh mun t-seinneadair seo, dithis air an aon ainm, Iain MacCoinnich, fear dhiubh à Gleann Conan agus a' fear eile à Siadar.

Bha Iain MacCoinnich à Siadar a' fuireach an ath doras ri Donnchadh Peutan agus tha cuimhne aige air a bhith a' buachailleachd còmhla ris is e na chnapach mòr balaich. Mar a thuirt Iain: "Chuireadh e dhruim ri cnoc agus thòisicheadh e air seinn." Nach ann an sin a tha an dealbh."

Air prògram Beurla a chaidh a-mach air a Scottish Home Service aig a' BhBC air 25/06/1958 thuirt Seumas Ros mu Dhonnchadh Beag, mar a bh' aige air: "Some of the finest recordings in the collection of the School of Scottish Studies were made from the singing of the late Duncan Beaton. His performance shows the art of traditional singing at its very best."

Agus air prògram Gàidhlig a' BhBC air 5/03/1959, thuirt Seumas Ros, "Tha còrr air ceithir bliadhna a-nis bho chaochail Donnchadh agus tha suas ri naoi bho rinn e dòrlach chlàran do Ruaraidh MacThòmais. Bha Donnchadh dèidheil air òrain as an robh brìgh, agus as an robh ceòl is susbaint. Mar sin ghabhadh e ri òran à ceàrn sam bith agus b' fhìor thoigh leis a bhith seinn cuid de na h-òrain a rinn Mac Mhaighstir Alasdair."

Chaochail Donnchadh Peutan aig aois 68, ann an 1954.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.