Dòmhnall MacRath

Dòmhnall MacRath

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug a dh'aois, ghluais an teaghlach gu Ceirsiadar far an d' fhuair iad croit.

Chaidh Dòmhnall a Bhun-sgoil Cheirsiadair agus do Sgoil MhicNeacail. Nuair a bha e anns an àrd-sgoil bha e a' fuireach ann an Ostail Gibson, ann an Steòrnabhagh, agus sin far an do sheinn e an toiseach mu choinneamh luchd-èisteachd, aig oidhcheannan cur-seachad a bhiodh ann.

An dèidh an sgoil fhàgail, bha e mu cheithir bliadhna aig an taigh ag obair air a' chroit. Ann an 1961 thàinig e a Ghlaschu agus thug e mu shia mìosan ag obair air na busaichean. Fhuair e an uair sin cosnadh aig Companaidh Singers ann am Bruach Chluaidh, a' dèanamh uidheaman-fuaigheal. Bha e ris an obair sin airson 19 bliadhna gus an do dhùin an companaidh ann an 1980.

Phòs Dòmhnall agus Sìne Kirk, a bhuineas do Chaisteal nan Dùghlasach, ann an 1969. Bha Sìne ag obair ann an Ospadal na Cloinne, ann an Yorkhill agus tha dithis chloinne aca, Dòmhnall agus Sheena.

Thòisich Dòmhnall ag obair aig Barr and Stroud an dèidh do Singers dùnadh. B' e obair airson Ministrealachd na Dìon a bha seo, a' dèanamh periscopes agus uidheaman-cuimeis airson tancaichean. Dhùin an companaidh sin an taigh-gnìomhachais a bh' aca ann an Anniesland ann an 1991, agus dh'fhàg Dòmhnall iad.

Bha e ag obair aig companaidh beag, J. M. Caimbeul, ann a' Bridgeton, airson trì bliadhna agus bhon uair sin chun an latha an-diugh tha e air a bhith aig companaidh Bar Knight, ann a' Yoker. 'S e companaidhean a tha an sàs ann an obair innleadaireachd mhionaideach a tha anns na companaidhean sin air fad. Ged a tha Dòmhnall nas sine nan aois far am faodadh e a dhreuchd a leigeil dheth, tha e a' cumail air ag obair oir 's toil leis an obair a tha e a' dèanamh agus tha e am beachd cumail a' dol cho fad 's a tha e air chothrom.

Nuair a bha e na bhalach beag bhiodh a sheanair, Murchadh Mhurchaidh, ag ionnsachadh dha mar a sheinneadh e na sailm. Cha robh e a' dèanamh mòran seinn anns an sgoil ach an dèidh an sgoil fhàgail bha e ann an Còisir nan Loch airson mu dhà bhliadhna.

An dèidh tighinn do Ghlaschu bha e airson ùine ghoirid a' seinn còmhla ri Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Ach mun àm sin cuideachd, bha e air iarraidh a' seinn leis fhèin tric agus mu dheireadh cha robh ùine aige a bhith an lùib a' chòisir.

'S iomadh oileanach agus Gàidheal, sean is òg, a chuir eòlas air Dòmhnall bho thòisich e a' seinn anns a' Phark Bar ann an 1965. Bha e a' seinn ann airson 33 bliadhna agus an dèidh sin bha e a' seinn anns an Islay Inn airson corra bhliadhna. Ged a bha e a' seinn aig Mòd an Òbain ann an 2009, chan eil e a' dèanamh mòran seinn aig an àm seo agus tha e ag ionndrainn sin aig amannan.

Chaidh urram a bhuileachadh air aig Na Trads san Dùbhlachd 2010.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.