Dòmhnall MacPhàil

Chaidh an t-òran ris an canar gu tric an-diugh Isein Bhòidhich a sgrìobhadh le Dòmhnall MacPhàil, Dòmhnall Choinnich, à Grabhair ann an sgìre nan Loch an Leòdhas. B' e 'Smuaintean Saighdeir an Dèidh Blàr Mons' a bh' aige fhèin air an t-òran.

Bha a phàrantan, Coinneach MacPhàil agus Cairistìona Nic a' Mhaoilein, le chèile à Grabhair agus bha an dachaigh aig Àireamh 19. Bha còignear theaghlach aca, dithis nighean air an robh Catrìona agus Cairistìona agus triùir bhalach, Iain, Dòmhnall agus Murchadh.

B' e Murchadh an t-Urramach Murchadh MacPhàil a bha na mhinisteir agus na Mhoderàtor san Eaglais Shaor agus a dh'eadar-theangaich Laoidh Tùr Lunnainn.

Rugadh Dòmhnall sa bhliadhna 1892 agus feumaidh gu robh e na dheagh sgoilear oir chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Ach goirid an dèidh dha dhol don àrd-sgoil, bhris a shlàinte agus b' fheudar dha tilleadh dhachaigh a Ghrabhair.

Bhon uair sin bha e air a chuingealachadh gu broinn an taighe tòrr dhen ùine, ro mhothachail gu robh mòran de cho-aoisean a' sabaid agus a' bàsachadh air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa.

Chuir e fhaireachdainnean an cèill anns an aon òran eile leis, air a bheil lorg:

Tha sinn uile an-diugh fo bhròn;
Tha sinn muladach gu leòr,
Dèanamh ionndrain air na seòid
A bha a' còmhnaidh maille rinn.

Nuair thàinig cùisean gu bhith garbh
Chaidh Reserve na mara a ghairm;
Annta chuir an rìoghachd earbs'
Gu Uilleam Borb a lagachadh.

O, nathair cogaidh lìon do bhrù
Casg do thairt le fuil nan laoch;
Tha Kaisear Uilleam leat an gaol
'S cha leig e sgìos no acras ort.

B' e Blàr Mons anns a' Bheilg, air 23 Lùnastal, 1914, a' chiad bhlàr cudthromach anns a' Chiad Chogadh Mòr agus thàinig air feachdan Bhreatainn teiche ro na Gearmailtich às a dhèidh. Rinn Dòmhnall Choinnich an t-òran Isein Bhòidhich mar gum b' ann le saighdeir a bh' anns a' bhlàr.

Chaochail Dòmhnall Choinnich 's gun e ach 24 bliadhna a dh'aois ann an 1916 gun crìoch a' chogaidh fhaicinn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.