Dòmhnall MacLeòid

'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach a' fuireach. Dh'aindeoin sin choisinn còignear às a' bhaile am Bonn Òir aig Mòdan thairis nam bliadhnaichean, Dòmhnall fhèin nam measg.

Bha Dòmhnall a' seinn bho bha e còig bliadhna a dh'aois agus bha ùidh mhòr aige ann a' seinneadairean ainmeil an latha. Choisinn e am Bonn Òr ann an 1952, aig Mòd Bhaile Bhòid. Riamh bhon uair sin tha iarraidh mhòr air a bhith air aig cèilidhean is cuirmean-ciùil feadh na dùthcha agus gu h-àraidh ann an Glaschu. Tha cliù sònraichte aige airson a bhith a' seinn òrain à Earra-Ghàidheal.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.