Dòmhnall MacDhòmhnaill (Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn)

Tha na ceathramhan òran is àbhaist a bhith air an seinn fon ainm Creag Uanach air an toirt à dàn fada, no 's dòcha grunn dhàin a tha air a dhol an ceann a chèile, ris an canar 'Òran na Comhachaig'. Rinneadh e le Dòmhnall, mac Fhionnlaigh nan Dàn, a bha beò san dara leth den t-siathamh linn deug.

Ged a bhuineadh e do Dhòmhnallaich Ghlinne Comhann, bha cuideachd ceangal aige ri Dòmhnallaich na Ceapaich. A rèir coltais bha e na shealgair ainmeil anns an dùthaich sin eadar Gleann Comhann, Raineach agus Bràighe Loch Abair. A rèir beul-aithris bha e cho sgileil ri duine a bha an Alba ri linn le bogha is saighead.

Bha naidheachd ann cuideachd ag innse mar a thàinig e gus an dàn seo a dhèanamh. A rèir na sgeòil bha e suas ann am bliadhnaichean nuair a phòs e tè a bha gu math na b' òige na e fhèin, tè a bha cuideachd a' cànran gun abhsadh ris a' bhàrd agus ris an t-seann chù a bha aige.

Aon latha thàinig i dhachaigh is seann thruaghag de chomhachag aice na làimh. Thilg i gu Dòmhnall i, ag ràdh gu robh a' chomhachag na bu fhreagarraiche mar chompanach dha na bha ise. Seo "comhachag bhochd na Sròine" a dhùisg am bàrd gu òran.

Tha grunn chuspairean ann an 'Òran na Comhachaig'. Tha an toiseach còmhradh ann eadar am bàrd agus a' chomhachag:

A chomhachag bhochd na Sròine
A-nochd is brònach do leaba,
'S ma bha thu ann ri linn Donnghail
'S beag iongnadh gur trom leat d' aigne.

Gur comhaois mise don daraig
O bha h-aillean beag sa chòinnich
'S iomadh àl a chuir mi romham
'S mi comhachag bhochd na Sròine.

Tha an t-sealg air a moladh san dàn, mar a tha cinn-cinnidh nan Dòmhnallach:

Chunnaic mi Alasdair carrach,
Duine b' allail bha an Alb' e
'S tric a bha mi seal ga èisteachd
'S e ri rèiteach an tuim-shealga.

Tha am bàrd cuideachd a' leigeil soraidh le àiteachan a bha, gu follaiseach, dlùth dha chridhe agus e a' meòrachadh air an aois a tha laighe air:

Thus', an aois, chan eil thu meachair
Giodh nach fheadamar do sheachnadh;
Cromaidh tu 'n duine bhios dìreach
Dh'fhàsas gu fionalta gasda.

Agus giorraichidh tu shaoghal
Agus caolaichidh tu chasan;
Is fàgaidh tu cheann gun deudach
Is ni thu eudann a chasadh.

A' sgrìobhadh mun òran anns an leabhar Duanaire na Sracaire (Birlinn, 2007) tha an luchd-deasachaidh, Wilson MacLeòid agus Meg Bateman, ag ràdh mu 'Òran na Comhachaig':

"Tha pailteas de dh'ainmean-àite air an ainmeachadh anns an dàn, a' comharrachadh sgìre bho Loch Lìobhann mu dheas gu Spithean mu thuath, bho Bheinn Nibheis mun iar gu Beinn Eallair mun ear.

Aig teas-meadhan an òrain tha crìochan Loch Trèig agus gu h-àraidh Creag Uanach, cnoc aig iar-dheas an locha. Air gualainn Creag Uanaich (no is dòcha Garbh-bheinne, a tha faisg oirre) tha an t-Sròn, agus is ann an co-cheangal ri seo a tha a' chomhachag ga h-ainmeachadh fhèin mar 'comhachag bhochd na Sròine'"

Tha cuimhneachan air Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn taobh a-muigh an dorais aig Cille Choireil faisg air an Drochaid Ruaidh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.