Dòmhnall Mac na Ceàrdaich

Rugadh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich air 5 Dùbhlachd, 1885, air an Leideig ann am Barraigh. B' e iasgair a bha na athair, Dòmhnall Dhonnchaidh Cìobair, agus b' ann à Ceann Tangabhal a bha a mhàthair, Catrìona NicFhionghain, nighean Chaluim Mhurchaidh Fhionnlaigh. Bha seachdnar theaghlach aca, ceathrar bhalach agus triùir nighean.

Bha Anna NicIain eòlach air Dòmhnall, agus, a' bruidhinn mu dheidhinn air prògram Gàidhlig a' BhBC air 10/01/1951, dh'innis i mu Bharraigh nuair a bha Dòmhnall òg:

"Bha an iasgach aig àrd am Barraigh an uair sin. An toiseach an earraich bha cabhlach de sgothan fon cuid sheòl a' togail orra à Bàgh a' Chaisteil is a' tilleadh le na tunnaichean de langain is truisg airson an tìoradh 's an deasachadh airson a' mhargaidh. Rè an t-samhraidh bha na mìltean de bharaillean sgadain a' fàgail airson a dhol dhan Ruis 's dhan Ghearmailt.

Cha robh ganntar de sheòrsa sam bith air na h-iasgairean no an teaghlaichean.

As a' gheamhradh bha taighean cèilidh ann as an cruinnicheadh sean is òg, is daoine ann a bha ainmeil airson sgeulachdan innse no òrain a sheinn. 'S ann anns na taighean cèilidh sin agus an taigh athair agus aig glùin a mhàthar a fhuair Dòmhnall òg a' chiad bhlasad air ceòl is beul-aithris a dhaoine, blasad a bha cho milis leis is nach d' fhuair e riamh dhe na riaraich e.

Bha Dòmhnall measail air cuideachd nan seann daoine agus dh'èisteadh e le suim ri an cuid seanchas. Bha inntinn fhosgailte aige agus cuimhne mhath agus cha do dhìochuimhnich e riamh nì a chual' e aig cagailtean an taigh cèilidh.

Bha bàrdachd dual dha, oir bha a sheanair, Calum Mac Mhurchaidh 'ic Fhionnlaigh, a' dèanamh deagh òrain a bha air bilean an t-sluaigh na latha fhèin, ged nach deach aon dhiubh a sgrìobhadh a riamh."

Chaidh Dòmhnall dhan sgoil ann am Bàgh a' Chaisteil agus, fiù 's na bhalach sgoile, tha e coltach gum biodh e a' dèanamh rannan beaga èibhinn mar spòrs dha fhèin is dha chomhaoisean.

Nuair a dh'fhàg e an sgoil, an dèidh greis ag iasgach còmhla ri athair, chaidh e a Dhùn Èideann a dh'ionnsachadh na ceaìrd ris na lean e fad a bheatha. Bha e na dhraughtsman ann an obair ealain aig companaidh air an robh Bruce Peebles agus ràinig e àrd-inbhe as an obair sin.

A rèir Anna NicIain:

"Is ann an dèidh do Dhòmhnall an dachaigh fhàgail a bheothaich a ghaol air eilean a bhreith is àraich, air na cleachdaidhean is na beusan a bha cumanta am measg an t-sluaigh air an robh e eòlach, agus a dhùisg spiorad na bàrdachd ann da-rìribh.

Rinn e aig an àm seo còrr air fichead òran, a' chuid bu mhotha dhiubh a' moladh Barraigh agus cuid eile dhiubh air cuspairean a bha èibhinn no annasach leis fhèin, iad uile ann an rannan siùbhlach a tha nochdadh cho nàdarra 's a bha a' bhàrdachd dha."

Ho ro illean, togaibh sunnd,
Bithibh aotrom 's leagaibh tùrs';
Leigibh sgaoileadh fo cuid shiùil
Ullamh, lùthar, cridheil, beò.

Leigibh sgaoileadh fo cuid bhrèid
Dèanaibh faoilt ri gathan grèin
'S fàgaidh sinn na maoil nar dèidh
Nuair a ghleusas i fo sheòl.

Fàgaidh sinn luchd-fhear na tìr
Siubhal àrd bheann agus glinn
'S thèid a' chaileag linn gun sgìos
Mach gu frìthean a' Chuain Mhòir.

Oiteag ghrinn a' tighinn gu rèidh
A' toirt inntinne dha ceum
'S gur neo-mhigheanach a sèist
Cur o chèile nan tonn bòchd.

Coireal binn aice ga luadh
Pronnadh min nan iomadh stuagh;
Gearradh shìnteagan mar uan
'S i cho guanach ri mnaoi òig.

Ged bhiodh fearg-fhraoch air na cuain
'S iad gu h-earra-ghlòireach ri nuall,
Cha chuir sin air balaich gruaim
'S earbsa bhuan ac' as a bòrd.

'S i mo cheist-sa tè gun smùr
Nach laigh anradh air a gnùis
'S air cho gàbhaidh 's gum bi cùrs'
Cuir a sunndach i ri ceòl.

Ged a gheibhinn-sa mo mhiann
De gach inbhe a bh' ann riamh,
'S mòr gum b' fheàrr bhith tarraing lìon
'N àm don ghrian bhith sgaradh neòil.

Siud an sealladh leam is uaisl'
Nuair a tharrainnear a' chluas
'S i gu ballach, lannach, nuadh
'S lainnir thuarail dhi mar òr.

Sunnd is caithream ghlan ri gnìomh
Aig na fearaibh crathadh lìon
Tacar-mara ga chur sìos
'S i trom shliasaideach le lòd.

Bhon is fàgail dhuinn as dual
A bhith 'n gnàth air bhàrr nan stuagh
Bithidh sinn àbhachdach 's gach uair
'S gur a suaicheanta dhuinn spòrs.

Fhad 's a mhaireas i ri chèil'
Is is fallain sinn gu lèir
Nì sinn achadh na chuan-bheuc
'S cha bhi èis oirnn airson lòn!

Fhad 's a bha e an Dùn Èideann, chuir Dòmhnall eòlas air luchd-sgrìobhaidh mar Niall MacLeòid agus Ùisdean MacDiarmaid. Fhuair e brosnachadh o Ruaraidh Arascain is Mhàirr gu bhith a' feuchainn air nòsan ùra sgrìobhaidh mar dràma.

"Rinn e cluichean àbhach, a' riochdachadh gu h-ait tubaistean agus clibistean croiteir, Dòmhnall nan Trioblaid agus Suirighe Raghnaill Mhaoil; a dhà eile Fearann a Shinnsir agus Crois-Tara, a bha a' riochdachadh cùisean bròin nàiseanta, agus dà dhràma bheag chloinne Ruaireachan agus Long nan Òg.

Bha iad uile ann an Gàidhlig bhlasta gun truailleadh, làn de ghnathasan-cainnte nan seann daoine air an robh e cho eòlach."

Bha ùidh shònraichte aig Dòmhnall Mac na Ceàrdaich na chànan:

"Bha meas mòr aige air gnathasan-cainnte agus modh labhraidh an eilein dom buineadh e, oir bha e den bheachd gu bheil ar cànain a' call na beatha mar tha e a' call a ghnathasan-cainnte.

O àm gu àm thigeadh e dhachaigh air a làithean saora agus bha a' chiad sgrìob aige daonnan ga thoirt a choimhead air na bodaich agus air na cailleachan air an robh e cho measail. Bha a leabhar beag pòca agus a pheann aige làimh gu sgrìobhadh sìos gach seanfhacal agus dubh fhacal a chòrdadh ris agus bha e gan cur sin gu feum anns na sgrìobhaidhean a bha e a' dèanamh."

Cha do chaill Dòmhnall an dèidh a bha aige na òige air àbhachdas agus spòrs mar a tha 'Òran nam Fasan' a' sealltainn:

Bròg na sròin bhioraich is grinne 's na sàilean
Chosdas dhaibh gini nar nì iad am pàigheadh;
Feumaidh iad siud 's mur faigh gur e 'm bàs dhaibh
Is èibhinn a' ghràisg a tha 'n-diugh a' tighinn beò.

Mu chomannan eiteich bi èideadh ro-rìomhach
'N ainm anns a' Bheurla cha lèir dhomh gus innse;
Co-dhiù gum bi brèidean bhios glè gheal den t-sìoda
Fuaghailte grinn mar linngide còis.

Air mullach na h-uiread bidh cunnart còt-uachdair
Chòmhdaicheas uile iad gu bunaibh an cluasan
Shaoileadh gach duine a chluinneadh an gluasad
Gun robh am Fuathas tigh'nn air a thòir.

Nuair thigeas an gailleann is toiseach na dùmhlachd
Gheibh iad bèin mhadaidh is mhathain le 'n clùidich;
Itean na h-eala agus car air chur ùmpa
Saoilidh mo shùil gur h-annta-san eòin.

Is riobainneach, giobagach, cir-fhaltach, brèideach
Bhiodh gach aon ghin dhiubh 'n uair thèid iad nan èideadh;
Le 'n òr agus ìbhridh is mìltean de sheudan
Deàrrsadh mar reultan air an oidhch' reòdht'.

Bidh cearcall glè lurach mu chaoilean an dùirne
'S miotagan urad ri bòtannan glùine,
Ruigeas an uileann gun ulag gan dùnadh
Thèid orra samhail is ullamh gu leòr.

A thuilleadh air òrain, sgrìobh Dòmhnall dàn fada, 'Latha nan Seachd Sian', anns a bheil còrr air ochd ceud sreath. Chaidh fhoillseachadh na earrannan ann an 1915-16 ann an Guth na Bliadhna, an leabhran ràitheil a bha fo stiùir Ruaraidh Arascain is Mhàirr.

Sgrìobh e cuideachd sgeulachd fhada, Lughain Lir, a chaidh fhoillseachadh anns an iris An Ròsarnach ann an 1921.

Cha deach a sgrìobhaidhean a chruinneachadh ann an aon leabhar gu ruige seo. Tha iad rin lorg ann an irisean mar an Celtic Review, An Ròsarnach, Guth na Bliadhna, agus An Sgeulaiche.

Ghluais Dòmhnall gu ruige Manchester ann an 1912 agus bha e an sin an còrr de bheatha, a bharrachd air greis ann an Lunnainn ri linn a' Chiad Chogaidh.

Ann an 1918 phòs e Mairead Chaimbeul à Ceann Tangabhal, nighean Ruaraidh Chaluim Dhòmhnaill. Bha seachdnar chloinne aca, sianar nighean agus aon ghille.

Chaochail e ann am Manchester air 5 Cèitean, 1932, agus tha e air a thìodhlacadh an Cille Bhreanain air taobh an iar Bharraigh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.