Dòmhnall Iain Dòmhnallach (Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill)

Dòmhnall Iain Dòmhnallach (Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill)

San dealbh chithear Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus a bhean, Gruagach Dhonn Bhrunail.

Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill, anns Na Geàrrannan air 23 Gearran, 1932.

B' ann às Na Geàrrannan a bha a phàrantan, Màiri Choinnich 'an Choinnich agus Calum Iain Nèill. B' e aon de chàraid a bha na athair, Calum Iain Nèill. Rugadh e fhèin agus a phiuthar Ceit ann an Glaschu, ach, 's dòcha chionns gun robh airgead gann, chaidh Calum a thogail ann an Leòdhas le peathraichean athar.

'S e Dòmhnall Iain as sine den triùir bhalach as an teaghlach. Tha Fionnlagh pòsta ann an Grìanaig agus tha Coinneach a' fuireach ann an Glaschu.

Chaochail màthair Dhòmhnaill Iain 's gun e ach deich bliadhna a dh'aois agus bha aig athair ris an teaghlach a thogail leis fhèin 's gun an dithis bhalach eile ach ochd agus còig bliadhna a dh'aois.

Dh'fhàg e an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug agus, airson beagan bhliadhnaichean an dèidh sin, bha e ag obair air a' chroit. Chaidh e gu muir an uair sin. Bha e anns an R.N.R. cuideachd agus bha e greis aig sealg nam mucan-mara ann an South Georgia.

Anns an Dùbhlachd, 1957, phòs e fhèin agus Ciorstaidh Anna Mhoireasdan, nighean Sheonaidh Ruaraidh Dhoileigean, ann an Eaglais Shaor Shiaboist agus 's ann ann an Siabost a tha iad a' fuireach an-duigh. 'S ann à Bràgair a bha a h-athair agus thogadh Ciorstaidh Anna anns a' cheàrnaidh sin, eadar Siabost agus Bràgair, ris an canar Brunail.

Tha aon nighean aca, Màiri, a tha pòsta ann an Siabost. Bha triùir ghillean aca ach dh'fhuiling an teaghlach dà bhuille chruaidh nuair a chaidh am balach a b' òige, Coinneach, a mharbhadh nuair a chaidh a leagail le carbad ann an 1980, 's gun e ach seachd bliadhna deug a dh'aois. Ann an 2003 chaidh Iain a bhathadh ann an tubaist air bàt'-iasgaich. Tha an treas mac, Calum, na mhinisteir ann an Eaglais Shaor Chalanais.

An dèidh pòsadh bha Dòmhnall Iain ag obair ann am Muileann Shiabost airson greis. Thug e greis eile ag obair air na rathaidean agus an dèidh sin bha e na bhreabadair gus do leig e dheth a dhreuchd.

Ged a sgrìobh Dòmhnall Iain beagan òrain mu thachartasan anns an sgìre, chan eil teagamh nach e Gruagach Dhonn Bhrunail, a rinn e dha bhean Ciorstaidh Anna nuair a bha e aig muir, am fear is eòlaich air a bheil daoine.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.