Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann am Peighinn an Aoireann, Uibhist a Deas, ann an 1919, do theaghlach a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas.

B' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ac Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, bràthair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche.

Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thàinig e tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig àm an Dàrna Cogadh, b' ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh'fhàs e dha-rìribh dlùth do chreideamh.

B' ann sa champa phrìosanach a thòisich e an dàn mòr 'Moladh Uibhist', leis na choisinn e Crùn a' Bhàird aig Mòd Ghlaschu ann an 1948.

Nochd Sguaban Eòrna, leabhar den bhàrdachd aig Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann an 1973, agus Fo Sgàil an Swastika, cunntas air a bheatha mar phrìosanach cogaidh ann an 1974.

Rinn e cruinneachadh de bheul-aithris is sgeulachdan agus òrain à Uibhist agus nochd cuid dhiubh sin anns an leabhar Uibhist a Deas a dh'fhoillsich Acair an 1981.

Tha iomradh air beatha Dhòmhnaill Iain agus cruinneachadh slàn den bhàrdachd aige anns an leabhar Chì Mi, deasaichte le Bill Innes agus air fhoillseachadh le Birlinn, 1998.

Chaochail Dòmhnall Iain ann an 1986.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.