Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Rugadh Dòmhnall "Ruadh" Dòmhnallach ann an Inbhir Nis air 25 Sultain, 1922. B' e am fear bu shine den teaghlach aig Coinneamh Dòmhnallach agus Barabal NicGillEathain, le chèile à Àiliginn air Taobh Siar Rois.

Nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois, chaidh athair agus màthar Dhòmhnaill a dh'Astràilia chionns nach robh obair ri fhaighinn anns an sgìre. Bha a sheanmhair agus a sheanair air gach taobh a' coimhead às a dhèidh agus bha dùil gun rachadh esan a-null an ceann greis. Air diofar adhbhair, nam measg nach robh a sheanmhair airson a leigeil air falbh, cha deach Dòmhnall a dh'Astràilia riamh agus chan fhaca e a mhàthair tuilleadh.

Bha a dhithis pheathraichean, Rhoda agus Ivy, agus a bhràthair, Coinneach, ann an Astràilia agus thàinig Rhoda agus athair, na sheann aois, air ais a dh'Alba air turas a bha drùidhteach agus tiamhaidh dhaibh uile. Chaidh Dòmhnall agus a bhean, Peigi, a dh'Astràilia a-rithist a choinneachadh ris a' chòrr dhen teaghlach.

Nuair a thòisich an cogadh dh'fhàg Dòmhnall obair ann an taigh-òsta ann an Srath Pheofharain airson a dhol dhan chath ann an Afraga a Tuath, far an robh e na ghunnair-tanca. Aig aois 21 bha e ann am blàr oillteil Monte Casino, ach thàrr e às gu sàbhailte.

An dèidh tilleadh às a' chogadh, phòs e Mairead (Peigi) NicGillEathain, à Fàsaig, dlùth ri Àiliginn, tè air an robh e eòlach bho òige. Bha Peigi air a bhith anns na WRNS, agus rinn iad an dachaigh ann an Eilginn. Thòisich Dòmhnall ag obair ann an gnìomhachas an uisge-bheatha, na iar-mhanaidsear air Taigh-Staile Linkwood.

B' ann an Eilginn a rugadh an dithis nighean, Catrìona (Nina) agus Iseabail. Ann an 1956 ghluais iad gu Dail Uaine ann an Srath Spè, agus bliadhna an dèidh sin fhuair Dòmhnall obair ann an Taigh-staile Lag a' Mhuilinn, far an robh e na mhanaidsear an ceann ùine. B' ann an Ìle a rugadh an dithis nighean eile anns an teaghlach, Fiona agus Rhoda.

Ann an 1967 ghluais iad gu Farrais, far an robh Dòmhnall an urra ri taigh-staile Benromach gus do leig e dheth a dhreuchd nuair a dhùin an taigh-staile ann an 1985. Ghluais e fhèin agus Peigi an uair sin air ais gu Taobh Siar Rois, gu Fàsaig far an robh e gus do chaochail e gu h-obann air 8 Samhain, 1997.

Bha Dòmhnall air leth dèidheil air sgrìobhaidhean Walter Scott agus na bàird Ghàidhlig agus bha mòran den cuid obrach aige air a theanga. Bha ùidh mhòr aige ann an sgeulachdan agus òrain na sgìre dom buineadh e. Mur nach robh iad an clò, dhèanadh e cinnteach gur robh iad air chuimhne aige. Bhiodh e cuideachd a' cur a-mach na loidhne anns an eaglais nuair a bha e òg.

Cha do sheinn e na aonar aig Mòd Nàiseanta riamh, ach bha e ann an còisirean agus còmhlain cheathrair. Bhiodh e a' cuideachadh diofar chòisirean le an cuid Gàidhlig a rèir 's càite an robh e a' fuireach, agus bha e na bhritheamh aig iomadh Mòd ionadail.

Choisinn an nighean aige Catrìona (Nina) Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain ann an 1992. 'S i a tha os cionn Còisir Ghàidhlig Inbhir Narainn a tha air a bhith gu math soirbheachail aig a' Mhòd, agus tha a peathraichean, Iseabail agus Rhoda, agus a nighean, Eilidh, nam buill den chòisir.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.