Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil)

Rugadh Dòmhnall Caimbeul, Dòmhnall Phàil no Bàrd Chinn a' Ghiùthsaich, sa bhliadhna 1798 ann an Dail na Spideil am Bàideanach, beagan deas air Druim Uachdair, mu fhichead mìle an iar thuath air Baile Chloichrigh. Thàinig e a dh'obair mar bhuachaille a Bhàideanach mun bhliadhna 1822 agus bha a dhachaigh ann an Gleann Gòineig.

Ann an 1838 bha e an dùil a dhol null thairis còmhla ri buidheann a bha a' fàgail an dachaighean – a' mhòrchuid dhiubh bho oighreachd Inbhir Fhèisidh - airson beatha ùr a shireadh an Astràilia. B' e seo màthair-adhbhair an òrain ainmeil aige Guma Slàn do na Fearaibh, ach aig a' cheann thall cha do dh'fhalbh Dòmhnall Phàil agus chan eil fhios carson.

Chruinnich an fheadhainn a bha a' falbh ann an Ceann a' Ghiùthsaich air Latha Fèill Chaluim Chille, 9 Ògmhios, 1838. B' fheudar dhaibh coiseachd dhan Ghearastan agus às a' sin dhan Òban mas deach iad a Ghlaschu airson na h-imrich.

Dhealaich Dòmhnall Phàil riutha ann an Ceann a' Ghiùthsaich cho fad 's as aithne dhuinn. Chaidh càch air bòrd an St George, a sheòl air 4 Iuchar le còrr air 300 eilthireach air bòrd. Mus do ràinig i Sydney air 15 Samhain, bha deichnear dhiubh air bàsachadh; rugadh còignear cuideachd rè an turais.

Chaochail Dòmhnall Phàil ann an Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1875 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Meadhain a' bhaile, an teis mheadhain Chinn a' Ghiùthsaich. Bha mac Dhòmhnaill (Dòmhnall a bh' air fhèin) ainmeil mar bhàrd cuideachd, agus ann an saoghal na camanachd an lùib sgioba Chinn a' Ghiùthsaich, agus mar fhear-gnothach sa bhaile.

Ged a tha deasbad air a bhith ann mu ùghdarrais an òrain, tha na th' againn de dh'fhiosrachadh bho Thòmas Sinton, a dh'fhoillsich an t-òran anns an leabhar Poetry of Badenoch (Inbhir Nis, 1906), an ìre mhath a' dearbhadh gur e Dòmhnall Phàil a rinn an t-òran, agus Sinton air a thogail bho aithris a' bhàird fhèin.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.