Dòmhnall Bàillidh

Anns an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962) tha Iain Grimble ag ràdh gu bheil e coltach gun deach an t-òran Aoir air Pàdraig Sellar a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Bàillidh goirid an dèidh na cùirt lagha aig Pàdraig Sellar ann an Inbhir Nis air 23 Giblean, 1816.

Am measg na bhathas a' cur às leth Shellair, a bha na iar-bhàillidh aig Ban-Iarla Chataibh, bha gun do chuir e fhèin agus cuideachd leis teine ri taigh Uilleim Shiosail ann an Rosal ann an Srath Nàbhair san Ògmhios, 1814. Bha Uilleam Siosal a' cumail a-mach gu robh a mhàthair, a bha sean agus air an leabaidh, as an taigh aig an àm a las iad an teine. Ged a chaidh aca air a toirt a-mach gu fasgadh ann am bàthaich, chaochail i còig làithean às dèidh sin. Mar tha an t-òran ga chuir:

Chaidh thu fhèin 's do phàirtidh
An àirde gu bràighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhràthair
Na smàlaibh a-suas na lasair.

B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha am fear-lagha, Sellar, agus thàinig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha làmh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluagh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.

Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhàillidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.

Tha Sellar an Cùl-Mhàillidh
Air fhàgail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sàradh
Gach aon nì thig na charaibh.

Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù maireannach am measg nan Gàidheal mar dhuine a bha na mheadhan air daoine fhuadach às an dachaighean, tric le làmhachas-làidir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.