Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich

Chaidh an t-òran 'S Muladach mi 'n-diugh 's mi 'g Èirigh a chumail air chuimhne le Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich à Hearbusta, aon de dheichnear chloinne a bh' anns an teaghlach. Bha e pòsta aig Agnes a bhuineadh do dh'Uibhist. Bha iad a' fuireach ann a' Lianacro far na thog iad ceathrar nigheanan ann an dachaigh as an robh gaol agus òrain ann am pailteas.

B' e Teàrlach Mac an Tòisich, a tha air ainmeachadh san òran, athair Dhòmhnaill Ailig, agus b' e a b' òige de na fir a fhuair am prìosan. B' e Anna, a tha cuideachd air a h-ainmeachadh, piuthar athar Dhòmhnaill Ailig.

Tha sinn an comain nighean le Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich, Màiri Allan, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.