Dòmhnall Ailean Dòmhnallach

Rugadh Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich air 19 Dùbhlachd, 1906 ann an taigh mu choinneamh an ospadail an Dalabrog an Uibhist a Deas. An dèidh Cogadh 1914-18 chaidh e a dh'ionnsachadh a bhith na shaor còmhla ri athair.

Thug e greisean ag obair an Uibhist, an Cearrara, as Na Hearadh agus an Glaschu, agus mar iomadh òganach eile bha e as na Territorials.

Anns a' bhliadhna 1928, is daoine a' fàs eòlach air a chomasan mar bhàrd, chaidh iarraidh air bàrdachd ùr a chuir do fharpais aig a' Mhòd Ionadail agus leis an t-òran seo, Ceud Fàilt' air Gach Gleann, choisinn e duaisean a dh'aindeoin 's gun robh e a' farpais an aghaidh deagh bhàrd eile, Seonaidh MacDhòmhnaill 'ic Iain Bhàin à Taobh a Deas Loch Baghasdal.

An dèidh a' chogaidh, bha Dòmhnall Ailean agus a mhac Dòmhnall ag obair còmhla a' togail thaighean an Uibhist agus an Earra-Ghàidheal. Ghluais an teaghlach gu taigh a thog e fhèin an Cill Donnain.

Aig Mòd Dhùn Dèagh sa bhliadhna 1959 choisinn e Crùn na Bàrdachd le 'Aiseirigh a' Bheachain'.

Nuair a thòisich a fhradharc a' fàilligeadh b' fheudar dha an t-saoirsneachd a leigeil seachad agus thug e grunn bhliadhnaichean ag obair na gheamair air oighreachd Uibhist a Deas.

Ghluais an teaghlach a dh'Inbhir Nis an dèidh bàs am mac Aonghas, ach chan eil teagamh nach robh Dòmhnall Ailean ag ionndrainn Uibhist. Dh'eug e air 23 Gearran, 1992, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Hàlainn faisg air Dalabrog.

Rinn e Gruagach Òg An Fhuilt Bhàin do Mhòrag NicAmhlaigh, Mòrag Dhòmhnaill Chaluim no Mòr Bhàn, à Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh. A rèir coltais cha do thachair iad ri chèile ach dìreach aon uair, aig dannsa Geamachan Uibhist ann an Cill Pheadair. Chòrd iad ri chèile agus dh'iarr Dòmhnall Ailean cead Mòr fhaicinn dhachaigh.

Ach an dèidh dha bhith ri dramaichean còmhla ri gillean eile, cha robh guth aige air Mòr agus b' fheudar dhi a slighe a dhèanamh leatha fhèin gu taigh càirdean ann an Loch Baghasdal. Cha robh i ro thoilichte agus cha do rinn i cleith sam bith air sin.

Nuair a chuimhnich Dòmhnall Ailean air an rud a rinn e, bha e air anabarrach duilich agus sgrìobh e an t-òran an dòchas gun dèanadh e an t-sìth.

Dh'eug Mòr air 1 Gearran, 1998, aig aois 86. Tha e coltach gun deach an t-òran a sheinn aig an tòrradh aice.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.