Dolaidh Moireach

Rugadh Dòmhnall Moireach, Dolaidh Chalum Mhurchaidh Ruaidh à Dail bho Dheas ann an Nis, Leòdhas san Dàmhair 1929. Bha athair, Calum bho àireamh 14 Dail bho Dheas agus a mhàthar, Cairistìona, bho àireamh 5 san aon bhaile. Bha sianar san teaghlach, Iseabail, Murchadh, Murdina, Catrìona agus dà Dhòmhnall.

An dèidh sgoil san sgìre chaidh e, mar mòran dhe cho-aoisean, gu muir, agus sin an obair a lean e fad a bheatha ach a-mhàin gun tug e seachd bliadhna ag obair air beairt.

Ann a' Mhàrt 1964, phòs e fhèin agus Doileag NicThòmais, Doileag a' Chaimein à 9 Tàbost agus bha an dachaigh aca aig 23 Dail bho Dheas. Bha triùir chloinne aca, Tormod, Cairistìona agus Calum.

Bhris air slàinte Dholaidh 's gun e ach 52, 's thàinig air fuireach air tìr. Chaochail e ceithir bliadhna an dèidh sin, anns a' Mhàrt 1985.

Tha fèill air na clàraidhean a rinn e de dh'òrain agus de laoidhean chun an latha an-diugh agus iomadh duine a' caoidh nach eil barrachd dhiubh ann.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.