Derek Mac an Tòisich

Derek Mac an Tòisich

B' e bràthair do sheanair Derek Mac an Tòisich a bh' ann an Calum Mac an Tòisich, Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich.

Is ann an sgìre Sholais an Uibhist a Tuath a bha Derek Mac an Tòisich na bhalach. Na òige sheall e ùidh ann a' ruith agus dràma. Bhiodh e ruith gach seachdain mar phàirt de chlub lùth-chleasachd Uibhist a Tuath agus bha e soirbheachail aig Geamaichean Uibhist agus farpaisean air tìr-mòr.

Aig aois 16 fhuair e prìomh phàirt anns an dràma telebhisean Balaich Rònaigh. Aig aois 17 sheinn e òran le bàrd eile à Uibhist a Tuath, Calum Camshron, an t-òran Gillean Uibhist. Fhuair e a' chiad duais airson balaich aois 16-18 aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ga ghabhail.

Chaidh e gu colaiste Sabhal Mòr Ostaig às dèidh dha an sgoil fhàgail aig aois 18 far an do chuir e eòlas air na meadhanan. Fhad 's a bha e sia mìosan còmhla ri Telebhisean na h-Alba a' trèanadh, phreseant e 30 prògram airson clann fo aois sgoile, Na Bonnachain. Tha a ghuth air a bhith air ioma cartùn chloinne airson BBC ALBA. Tha e a-nist air a bhith a' fuireach ann an Glaschu fad ceithir bliadhna, far a bheil e fhathast an sàs ann am prògraman chloinne aig a' BhBC.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.