Daibhidh Solley

Daibhidh Solley

Rugadh Daibhidh Solley ann an Dùn Èideann air 4 Giblein, 1943. 'S ann às a' bhaile sin a bha cuideachd athair agus bha cuideachd a mhathar à Siorrachd Chinn Chàrdainn. Chaidh Daibhidh do Bhun-sgoil Taobh a Deas Morningside agus an dèidh sin do dh'Acadamaidh nam Pentlands.

An deidh an sgoil fhàgail thug e a-mach a chiùird mar ghloinneadair, obair anns an robh e an sàs airson fichead bliadhna.

Thòisich e a' seinn air an àrd-ùrlar aig aois glè òg agus choisinn e a' chiad duais aig Fèis Chiùil Dhùn Èideann, fèis airson bun-sgoiltean a' bhaile, nuair a bha e dusan. Nuair a bha e na ghille òg bha e mar chleachdadh aige a bhith a' dol chun na Gàidhealteachd air saor-làithean agus sin mar a chuala e òrain Ghàidhlig an toiseach.

Nuair a bha e mu thrì thar fhichead thòisich e a' seinn ann an Gàidhlig agus chaidh e na bhall de Chòisir Ceilteach Lodainn, a bha aig an àm sin bho stiùir Sheòrais Clavey. Bha Seòras agus Louis Moireasdan nan cuideachadh mòr dha agus ann an 1968 choisinn e an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta, ann an Dùn Omhainn.

Bha saoghal trang aige le chuid seinn an dèidh sin. Ann an 1970 nochd e air a' phrògram telebhisean 'S e Ur Beatha airson a' chiad uair. Bha fèill mhòr air aig cèilidhean agus cuirmean-ciùil air feadh na dùthcha. Aig an àm sin cuideachd bha e a' nochdadh an-dràsta 's a-rithist air Show of the North ann an Taigh-cluiche Eden Court, ann an Inbhir Nis, còmhla ri Na Peathraichean Dòmhnallach.

Ann an 1973 chuir e ri chèile a' chiad chlàr, The Dark Island, agus bhon uair sin tha e air naoi clàir a dhèanamh, cuid dhuibh le measgachadh de dh'òrain Bheurla agus Gàidhlig.

Airson aona bliadhna deug, bhon Ghiblein chun an Dàmhair, bha e a' ruith The David Solley Show ann an Taigh-òsta na Gàidhealteachd anns a' Ghearastan. Bhiodh e tric a' seinn ann an Taighean-òsta eile an dèidh sin agus bha e fad seusan anns an Jack Mulroy Show ann an taigh-cluiche a' Ghaiety ann an Inbhir Àir.

Bho 1979 tha Daibhidh air a bhith a' fuireach ann an Cille Mheàrnaig ach roimhe sin thug e mu dhà bhliadhna a' ruith taigh-aoidheachd ann an Srath Pheofharain agus mu bhliadhna a' coimhead às dèidh Innis Choinnich, eilean beag aig beul Loch nan Ceal, ann am Muile.

An-duigh tha e gu bitheanta a' seinn air feadh na dùthcha, le taic bho Lex Keith air a' bhocsa, aig cuirmean agus don bhuidheann carthannais Music in Hospitals, a tha a' cur air dòigh cuirmean-ciùil do dh'euslaintich ann an ospadail.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.