Crìsdean Dillon

Crìsdean Dillon

Rugadh Crìsdean Dillon ann an 1952, agus chaidh a thogail san Ìochdar ann an Uibhist a Deas. Bha daonnan barrachd ùidh aige ann an obair-sgoile is leabhraichean na bh' aige ann an obair croit agus bheathaichean. Ach bha e fìor mheasail air a bhith a' dol a chèilidh air daoine sa bhaile airson èisteachd ri sgeulachdan is òrain is seanachasan na sgìre.

Ann an 1964 ghluais Crìsdean gu Trosaraidh far an do thòisich e air Laideann, Fraingis agus Gearmailtis ionnsachadh. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh'aois ghluais e gu Taigh an Uillt, agus chaidh e dhan sgoil san Òban.

Às dèidh dha an sgoil fhàgail fhuair e oideachadh ann an Ceiltis agus Gearmailtis aig Oilthigh Dhùn Èideann agus an dèidh sin ann an Oilthigh Ghlaschu.

Sa bhliadhna 1976 thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an Inbhir Nis, far an robh e airson 24 bliadhna. Bhiodh e a' sgrìobhadh sgeulachdan, òrain, rannan is abairtean spòrsail do chlann agus rinn e iomadh prògram air cuspairean eachdraidheil. A bharrachd air an sin bhiodh e a' teagaisg chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig.

Rinn e obair mhòr le luchd-ionnsachaidh an iomadh ceàrn de dh'Alba agus tha toradh a chuid obrach sa Ghearmailt ri fhaicinn an-diugh ann an Oilthigh Bonn.

Fhad 's a bha e ag obair aig a' BhBC chuir Crìsdean roimhe sreath phrògraman a dhèanamh còmhla ri Ruairidh MacAoidh airson cuid de dh'eachdraidh, sgeulachdan, ainmean-àite, òrain agus bàrdachd Siorrachd Inbhir Nis, Srath Spè agus Loch Abar a chlàradh bho fhear a bha eòlach air na ceàrnaidhean sin agus eachdraidh nan daoine.

Cluinnidh sibh cuid dhiubh sin air làrach-lìn Cuairtean.

Bha ùidh mhòr aig Crìsdean ann an òrain agus bu thoigh leis a bhith a' seinn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.