Còisir Ghàidhlig na Luirg

Chaidh Còisir Ghàidhlig na Luirg a stèidheachadh ann an 1976 le Dòmhnall Dòmhnallach an urra ri taobh na Gàidhlig agus le Seòras Peat a' stiùireadh a' chiùil. Bha Seòras air tilleadh dhan Luirg an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth agus bha mu shia duine deug sa chòisir an toiseach.

Chaidh iad gu Mòd Ionadail airson a' chiad uair ann an 1977 agus b' ann ann an Steòrnabhagh, ann an 1979, a ghabh iad pàirt ann am farpaisean aig Mòd Nàiseanta airson a' chiad uair.

Ghabh Gracie NicDhòmhnaill an stiùir thairis bho Sheòras Peat nuair a thill esan gu bhith seinn sa chòisir aig àm nuair nach robh na fir buileach cho làidir 's a dh'iarradh iad.

Leig Gracie dhith dreuchd an stiùiriche ann an 1993 agus ghabh Evelyn Calder a h-àite.

Aig Mòd Àrd Ruighe ann an 1993, choisinn Coisir na Luirg Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul agus tha iad air a bhith gu math soirbheachail ann am farpaisean nan còisirean dùthchail on uair sin.

An-diugh tha an còisir air a stiùireadh le Ken Black à Siorrachd Pheairt a tha a' fuireach ann an Inbhir Bhrùra. Tha ìre na Gàidhlig an urra ri Tormod Dòmhnallach, Leòdhasach a tha a' fuireach ann an Drochaid a' Bhanna.

Tha mu 30 sa chòisir, a' mhòr chuid aca às an Luirg, à Goillspidh, à Dòrnach agus na sgìrean timcheall.

Tha sinn gu mòr an comain Myra Goskirk airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.