Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e air 25 Ògmhios, 1878. Bha e na bhall de Chomunn Gàidhlig Inbhir Pheofharain agus sgrìobh e leabhar Harmonised Versions of Glenurquhart Songs ged nach robh an leabhar seo ri cheannachd leis a' mhòr-shluagh.

Nochd an còisir, le Mgr Friseal na stiùireadair, aig a' Mhòd an toiseach ann a 1912, ann an Inbhir Nis, nuair a fhuair iad an duais airson na còisirean a bha a' gabhail pàirt airson a' chiad uair. A' bhliadhna an dèidh sin, ann an Dùn Dèagh, choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn, an dèidh a bhith anns a' cheathramh àite a' bhliadhna roimhe sin. Rinn iad a chùis air Dùn Èideann, an t-Òban, Dùn Dèagh agus Blàr Athaill airson am prìomh dhuais fhaotainn.

Chaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, mar as aithne dhuinn an-duigh e, a stèidheachadh às ùr ann an 1954 le Seumas Curr, nach maireann, a bha na fhear-comhairliche ciùil aig sgìre Rois is Chromba agus na h-Eileanan an Iar. Bha Seumas os cionn a' chòisir gu 1966 nuair a chaidh a ghabhail os laimh le Eòghainn Stiùbhart, a bha na neach-teagaisg ciùil ann an Acadamaidh Inbhir Ghòrdain. Tha Eòghainn tric na bhritheamh aig co-fharpaisean a' Mhòd Nàiseanta.

'S e Hamish Mhèinnearaich as fhaide a tha air a bhith aig an stiùir. Rugadh Hamish ann am Bun Ilidh agus thogadh e ann am Brùra. Ghluais e a dh'Inbhir Pheofharain, ann an 1966, a dh'obair do Bhòrd Dealain Ceann a Tuath Alba. Bha e a' cluiche ann an Còmhlan Dannsa Shrath Pheofharain, bha e a' cluiche a' phiàna ann an Companaidh Opara Srath Pheofharain agus a' cluiche an òrgain ann an Eaglais Srath Pheofharain agus Fodhraitidh, ach 's ann mar stiùireadair Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain as aithne dhan mhòr-chuid e.

Chaidh e na bhall den chòisir an toiseach ann an 1966, am measg nan tenors agus ghabh e thairis mar stiùireadair ann an 1973. Chaidh iad an sàs ann an co-fharpaisean nan còisirean mòra ann an 1977 agus choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn leis a' chiad oidhirp. Bhon uair sin tha iad air a' phrìomh dhuais fhaighinn ochd tursan.

Cha robh Hamish gu math ann an 2002 agus 's i Kirsteen, a' nighean aige, a ghabh thairis aig an stiùir agus chaidh leatha-se agus leis a' chòisir gu sònraichte math aig Mòd na Leargaidh Ghallda. Chòisinn an còisir Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn agus fhuair Kirsteen Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich, an aon uair riamh a thachair seo.

An dèidh a bhith na stiùireadair airson còig bliadhna deug thar fhichead, leig Hamish dheth a dhreuchd ann an 2007. Thàinig an còisir an uair sin fo stiùireadh Kirsteen, ann an 2008, agus fhuair iad a' phrìomh dhuais, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn, le a ciad oidhirp oifeigeil agus a-rithist ann an 2009. Tha Hamish, ged-tà, fhathast a' stiùireadh còisir nam mnathan.

Chaidh leth-cheud bliadhna bho chaidh an còisir a stèidheachadh a chomharrachadh san t-Samhain, 2004, le bàl mòr ann am Pavilion Shrath Pheofharain agus ann an 2008 chaidh saorsa Inbhir Pheofharain a bhuileachadh air Hamish.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.