Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma dh'fhaodte gur e an stiùiriche as ainmeil a bh' ann a-riamh.

Rugadh e ann an Grianaig air 10 Dùbhlachd, 1902, agus b' ann anns a' bhaile sin a thogadh e. Bhuineadh a theaghlach air taobh athair do Thairbeart Loch Fìn, far an robh iad nan tàillearan. Ged a bha a sheanair na phoileas ann an Grianaig, lean athair ceaìrd an teaghlaich agus dh'fhosgail e bùth tàilleireachd sa bhaile.

B' ann à Taigh a' Bhealaich, ann am Meadhan Earra-Ghàidheil, a thàinig cuideachd a mhàthair. Thogadh Calum ann an taigh anns an robh Gàidhlig air a bruidhinn, ged nach robh e fhèin buileach fileanta.

Nuair a dh'fhàg Calum an sgoil chaidh e a dh'obair anns an oifig aig Harland & Wolff, companaidh a bha ainmeil airson bàtaichean a thogail.

Ann an 1925, agus am Mòd ann an Grianaig, chaidh iarraidh air Còisir Ghàidhlig Ghrianaig a ghabhail thairis. Fo a stiùir, choisinn iad prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn dà thuras. Aig an àm sin bha e cuideachd a' cluich an òrgain ann an Eaglais Sràid Sir Mìcheal ann an Grianaig.

Air a cheann fhèin agus ga dhèanamh pàirt-ùine mar a b' urrainn dha, bha Calum cuideachd a' faighinn ionnsachadh foirmeil ann an ceòl. Choisinn e urram L.R.A.M., Licentiate of the Royal Academy of Music agus A.R.C.O., Associate of the Royal College of Organists, agus chaidh e a dh'obair mar neach-teagasg ciùil do Sgoil Cheann Loch Chille Chiarain ann an 1933.

Anns an 28 bliadhna a bha e na stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain choisinn iad barrachd dhuaisean na choisinn còisir sam bith eile aig a' Mhòd Nàiseanta. Gu h-àraidh anns na leth-cheudan, chan robh an samhail ann.

Choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn aona uair deug agus feumar cuimhneachadh rè nam bliadhnachan sin nach robh Mòdan ann airson ochd bliadhna air sgàth a' chogaidh. Bha Calum cuideachd a' cluiche an òrgain agus os cionn na còisir ann an Eaglais Shaor Aonaichte Cheann Loch.

Bha e na neach-comhairle agus na fhear brosnachaidh uair neo uaireigin do Rose MacConnachie a fhuair am Bonn Òr ann an 1946; do Dhòmhnall MacAlasdair a choisinn Sgiath MhicShimidh ann an 1957 le Còisir Ghàidhlig Ghrianaig; do Shìne NicIllìosa a fhuair am prìomh dhuais le Còisir an Òbain ann an 1994 agus do Choinneach MacThòmais, a choisinn am Bonn Òr ann an 1979 agus a tha air a bhith cho soirbheachail a' stiùireadh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

'S e Raibeart, mac Chaluim a thòisich Còisir Innse Gall Ghlaschu ann an 1968. Choisinn iadsan Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn trì tursan, ann an 1985, 1986 agus 1992. Leig Raibeart dheth an t-uallach ann an 2000 agus sgaoil Còisir Innse Gall Ghlaschu goirid an dèidh sin.

Chaochail Calum MacCaluim air 9 Faoilleach, 1961, aig aois 58. Cha robh duine riamh cho soirbheachail ris ann am prìomh fharpais nan còisirean aig a' Mhòd. Thairis air 30 bliadhna choisinn e am prìomh dhuais trì uairean deug, dà thuras le Còisir Ghàidhlig Ghrianaig agus aon uair deug le Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain.

Ghabh Rose McConnachie thairis an còisir an dèidh a bhàis agus choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn dà uair eile anns na trì ficheadan. Ged a chùm an Còisir a' dol gu 1988 cha robh iad idir cho soirbheachail an dèidh 1966, an turas mu dheireadh a choisinn iad am prìomh dhuais.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.