Còisir an t-Srath

Còisir an t-Srath

Chaidh Còisir Ghàidhlig an t-Srath, ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, a stèidheachadh ann an 1979, airson brosnachadh a thoirt air ceòl Gàidhlig agus air a' chànan anns an sgìre. Ged a tha buill a' chòisir a' tighinn bho Ràtagan, am Ploc agus an Caol air tìr-mòr agus bho Slèite, an t-Ath Leathann agus Port Rìgh air an Eilean, 's ann à seann pharaiste an t-Sratha a tha a' mhòr chuid dhiubh.

Bha triùir gu sònraichte an urra ri Còisir an t-Srath a stèidheachadh. B' iadsan Calum MacDhonnchaidh às an Ath Leathann, Hamish Greumach à Breacais agus Lachlainn MacDhonnchaidh à Caol Àcain, a' chiad stiùireadair a bh' aca. Chan eil duine den triùir beò an-duigh.

Tha duais mar chuimhneachan air Hamish Greumach air a thoirt dhan chòisir a gheibh na comharran as àirde ann an co-fharpaisean nan còisirean dùthchail aig a' Mhòd Nàiseanta agus tha Còisir an t-Srath air an duais seo a chosnadh corra uair.

A bharrachd air Lachlainn MacDhonnchaidh chan eil ach dà stiùireadair eile air a bhith aig a' chòisir, Karen NicRath agus Heather Harvey, a tha an urra riutha an-dràsta. 'S e Seonachan MacLeòid an leughadair Gàidhlig aca.

Tha an còisir gu bitheanta a' cosnadh dhuaisean aig a' Mhòd Nàiseanta agus chan eil duais ann airson nan còisirean dùthchail nach eil iad air fhaighinn aig àm a choireigin. Gach bliadhna tha iad a' dol gu fear neo dhà de na Mòdan ionadail ach tha iad air a bhith thall-thairis cuideachd. Ann an 1993 chaidh iad gu Mòd Vancouver agus tha iad air a bhith dà uair aig an Fhèis Pan-Cheilteach ann an Èirinn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.