Ceitidh Anna NicNeacail

Ceitidh Anna NicNeacail

Bhuineadh Ceitidh Anna NicNeacail, Ceitidh Anna Iain Cholla, do Cheann a' Ghàrraidh ann am Peighinn a' Chorrain anns a' Bhràighe, an t-Eilean Sgitheanach. Rugadh i air 29 Ògmhios, 1906.

B' i Màiri Neacail às a' Bràighe a màthair, agus bha dithis pheathraichean, Seonag agus Catrìona, agus dithis bhràithrean, Neacail agus Colla, aice. Cha do dh'fhàg Seonag an taigh riamh ach bha Colla ag obair ann an California airson dà fhichead bliadhna, ged a bhiodh e a' tilleadh dhachaigh gach samhradh.

Bha Catrìona na nurs ann an Glaschu airson greis gus an do thill i dhachaigh ann an 1974 a choimhead às dèidh Neacail 's e air fàs tinn.

Chanadh iad mu seanmhair gu robh "làrach maide-stràicidh a' phoileas air a malaidh" gus an latha chaidh i dhan ùir, bho bhuille a bha i air fhaighinn nuair a thàinig am poileas dhan Bhràighe aig àm strì an fhearainn.

Nuair a chrìochnaich Ceitidh Anna a trèanadh airson a bhith na neach-teagaisg fhuair i obair ann an Sgoil Ghleann Dail ann an Uibhist a Deas. Bha i a' loidseadh còmhla ri Màiri NicRath, Màiri Anndra, ann an Gleann Dail bho Thuath. Aon latha thuirt Màiri rithe gu robh dùil aice ri loidsear ùr agus seach gun robh an dithis acasan eòlach air a chèile am biodh e ceart gu leòr nam biodh iad san aon seòmar cadail. B' i Mairead Fay Shaw an loidsear ris an robh dùil, agus bha iad còmhla an taigh Màiri Anndra.

A rèir a càirdean, chòrd Uibhist gu mòr ri Ceitidh Anna agus bhiodh i an còmhnaidh a' bruidhinn air an ùine a thug i ann. Rinn Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag), a rinn òrain mar A Pheigi a Ghràidh, 'Òran a' Pholitician' agus 'Fàgail Loch Baghasdal' òran dhi a' tha tòiseachadh:

Ho ro nìonag nach sinn a bha thall,
An gleannan na smeòraich fo cheothar nam beann.

An dèidh Uibhist fhàgail, fhuair i obair ann am Bun-sgoil Phort Rìgh, far an do thòisich i air 16 Giblean, 1934. B' e boireannach sunndach a bh' innte agus bha i an sàs ann an iomadh rud. Fhad 's a bha i a' teagaisg ann am Port Rìgh bha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Mnathan Phort Rìgh agus bhiodh i a' gabhail pàirt ann an dràma. Bha i anns an obair seo airson seachd bliadhna gu leth. Dh'fhàg i air 7 Samhain, 1941, airson a dhol a dh'obair dhan Eaglais Bhreac.

An latha a dh'fhàg i sgoil Phort Righ, an àite òraid dealachaidh a dhèanamh, sheinn i an t-òran Tha na Fèidh am Bràigh Ùige do na sgoilearan. Thug seo buaidh mhòr air a' chloinn mar tha cuimhne fhathast aig Peigi Mayo, tè de na sgoilearan, ged tha faisg air 70 bliadhna bho thachair e.

Bha Ceitidh Anna a' teagaisg ann an Glaschu agus fhad 's a bha i anns a bhaile bhiodh i a' clàradh sgeidseachan agus dealbhan-cluiche airson a' BhBC còmhla ri leithid Sheumais Rois. Bha i na ball de bhuidheann luaidh a bha a' seinn aig Taisbeanadh na h-Ìmpireachd, a bha ann an Glaschu ann an 1938. An dèidh an taisbeanaidh, fhuair am buidheann cuireadh a dhol a Lunnainn agus bha iad a' luadh mu choinneamh na Banrigh.

Chuir Ceitidh Anna mòran bhliadhnaichean seachad a' teagaisg ann am Baile Bhòid cuideachd. An dèidh a dreuchd a leigeil dhith, thill i air ais dhan Eilean Sgitheanach agus bha i a' fuireach còmhla ri peathraichean ann a Ceann a' Ghàrraidh airson greis. Fhuair i taigh an uair sin ann an Rathad na Pàirce ann am Port Rìgh.

Chaochail Ceitidh Anna air 22 Dùbhlachd, 1995, aig 1 Fingal Place sa bhaile.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.