Ceitidh Anna NicLeòid

Rugadh Ceitidh Anna NicGilleathain, Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain à 17 Ceann a Deas Bhràgair air 18 Ògmhios, 1913. Phòs i fear a bha a' fuireach air a' lot a bha rin taobh, Aonghas Iain Aonghas Seòig (MacLeòid), ann an 1940 agus thog iad taigh, Bacabhat, air a' chrìoch eadar Bràgar agus Siabost. Bha dithis a theaghlach aca, Aonghas agus Chrismor.

Bha Ceitidh Anna air mhuinntireas ann an Glaschu aig an àm a fhuair i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich. Bha seo ann an 1938 agus bha a mac, Aonghas, a' smaoineachadh gur e an teaghlach aig an robh i ag obair a bhrosnaich i gu bhith seinn, agus a phàigh airson i dhol gu leasain seinn.

Bha aithris anns a' Ghlasgow Herald air 30 Sultain, an latha an dèidh an fharpais:

"A record was established at the Mod yesterday when both the Gold Medals for singing were won by young competitors who had never previously taken part in the event."

Ach suarach am beachd a ghabh Ceitidh Anna air balaich nam pàipearan-naidheachd, mar a dh'innis i air BBC Radio nan Gàidheal air 05/05/1989:

"Gràin, agus a h-uile duine a' fireigeadh ort le ceistean bhon taobh ud 's an taobh seo. 'S cha robh fios agad fo ghrian... bha thu air a dhol cho muddled up 's nach robh fhios agad cò a fhreagradh tu. Bha leithid aca ann. 'S a' togail dhealbhan. Bha e as a' h-uile paipear, as an Express, agus an Journal agus a h-uile aon dha na pàipearan sin. 'S bha e as a' Ghazette, 's a h-uile h-aon de na pàipearan sin. Co-dhiù, fhuair sinn troimhe dòigh air choireigin."

Cha robh eagal air Ceitidh Anna ro àrd-ùrlar:

"Tha gu leòr seinneadairean ann, agus seinneadairean math, ach chan eil a dh'aghaidh orra a thèid iad air beulaibh dhaoine, rud tha duilich. Dheidhinn-sa a sheinn, cha robh e a' cur càil orm a bharrachd air na tha bhith bruidhinn ribh pèin an-dràsta agus cha robh mi a' saoilsinn càil dheth. Nise, bha mi a' faicinn feadhainn eile, 's nuair a bha iad a' tighinn an siud bha iad ann an àirde na teasaich. 'S cha robh mise a' tuigsinn sin."

'S thuirt i 's i a' bruidhinn air a bhith a' gabhail òrain:

"Nuair a gheibhinn-sa steach annta bha mi sona gu leòr. Ged a bhithinn a' seinn bho mhadainn gu oidhche, bha e mar mo bheatha."

Agus gu dearbha sin a' chuimhne a tha aig a mac, Aonghas oirre mar a dh'innis e ann am prògram a rinn Fionnlagh MacLeòid mu Bhràgair air BBC Radio nan Gàidheal:

"Tha cuimhn' agam oirre nuair a bha mi gu math òg, i bhith aig consairtean ann a' Steòrnabhagh bho àm gu àm. Bha i an Glaschu 's an Dùn Èideann cuideachd. Bhiodh i a' seinn ann an Glaschu gu math tric, 's bha i shìos an Lunnainn cuideachd.

Bhiodh sinn a' dol chun na h-àirigh nar n-òige. Bha m' athair ag obair 's bhiodh e a' coiseachd air ais 's air adhart bhon a' mhuilinn mach chun na h-àirigh fhad 's a bhiodh sinne air làithean-saora às a' sgoil.

Agus bhiodh i ann, agus air feasgar samhraidh chiùin bheireadh i sgal creig air an àite, aig ceann na h-àirigh no fiùs a-staigh am broinn na h-àirigh. Bhiodh sinn a' dol a-mach, 's nuair a gheibheadh i an t-àite leatha fhèin 's ann bu mhiosa bha i. Bha i tòrr na b' fheàrr às aonais audience!"

Bha Ruaraidh Mac a' Ghobhainn (Ruaraidh Aonghais a' Chaiptean) à Bràgar, air a' phoilis an Glaschu mun àm a fhuair Ceitidh Ann am Bonn Òr, agus thug e dhi òran a bha e dìreach air a sgrìobhadh. B' i Ceitidh Anna a' chiad duine riamh a sheinn Tom an t-Searraich agus rinn i sin ann an talla mhòr an Glaschu.

Bha i measail air seinneadairean leithid Coinneach MacRath agus Eilidh T. Nic a' Mhaoilein agus Eàirdsidh Grannd. Nuair a bhiodh i a' seinn aig cuirmean nach robh Gàidhealach, bhiodh i a' seinn òrain Albannach ann am Beurla.

B' e Mòd sònraichte a bh' ann a' bhliadhna a choisinn Ceitidh Anna am Bonn Òr. Bha an fharpais air a chumail, chan ann ann an Talla Naomh Anndrais mar a b' àbhaist, ach ann an talla a thogadh am Pàirce Bellahouston mar phàirt dhen Empire Exhibition a bha sa bhaile a' bhliadhna sin. Dh'fhosgladh an Exhibition le Righ Seòras VI agus a' Bhanrigh Màiri air 23 Cèitean, agus mus do dhùin e air 29 Dàmhair bha còrr air dusan gu leth millean duine air tadhal air.

Ach b' e seo cuideachd am Mòd mu dheireadh a chumadh ron chogadh. Cha deach Bonn Òr a thoirt do dhuine tuilleadh gu 1946.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.