Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Tha na ceathrar a tha a' seinn còmhla uile nam buill de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Choisinn iad a' phrìomh dhuais airson Òran Cheathrar aig a' Mhòd Nàiseanta sia tursan, ged a tha faisg air deich bliadhna bho dh'fheuch iad mu dheireadh.

Amanda Millen

Rugadh Amanda Millen ann an Inbhir Nis, ged a bhuineas i don Drochaid Ruaidh. Thoisich i a' seinn aig Mòdan ionadail anns a' Ghearastan nuair a bha i ochd bliadhna agus bho fhuair i a' chiad bhlas air Mod Nàiseanta anns a' Ghearastan, 's e glè bheag dhiubh aig nach eil i air a bhith bhon uair sin.

Ged nach do rinn i Gàidhlig gu ìre ceum nuair a bha i an Oilthigh Ghlaschu, chaidh i gu Sabhal Mòr Ostaig airson a toirt fhèin gu fileantachd sa chànain.

An dèidh teisteanas fhaighinn ann an craobh-sgaoileadh, tha i air a bhith ag obair air filmichean agus air iomadh seòrsa prògraman telebhisean agus rèidio bhon uair sin, nam measg prògraman dràma ainmeil leithid Monarch of the Glen agus Waterloo Road.

Aig an àm seo tha i air ais an Inbhir Nis ag obair mar Riochdaire Leasachaidh do dh'Iomairt na Gàidhealtachd, a' brosnachadh agus a' cumail taic ri companaidhean neo-eisimeileach a tha an sàs ann an obair nam meadhanan craolaidh.

Gòrdan McKeeve

Rugadh Gòrdan McKeeve ann an Glaschu bho chionn 42 bliadhna, ach b' ann à Caolas Scalpaigh a bha a sheanair. Bha a mhàthair agus a sheanmhair à Bhatan san Eilean Sgitheanach agus sin far an do chuir e seachad a mhòr-chuid de làithean-saora òige.

Na obair-latha tha Gòrdan na mhanaidsear, le uallach airson daoine fhastadh, aig British Gas.

Tha e air a bhith na bhall de Cheòlraidh Gàidhlig Ghlaschu airson 26 bliadhna agus 's e an-dràsta an Ceann-suidhe a th' aig a' chòisir. Tha e ag ionnsachadh na Gàidhlig agus choisinn e am Bonn Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta ann am Baile Ghobhainn ann an 1990, agus farpaisean eile bhon uair sin.

Canaidh e fhèin gu bheil e a' faighinn mòran a bharrachd tlachd à bhith seinn còmhla ris a' chòisir na tha e a' faighinn a' seinn leis fhèin.

Coinneach MacThòmais

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a mhàthar à Baile Bhòid. Bha athair, a thuigeadh Gàidhlig ged nach b' urrain dha a bruidhinn, a' ruith bùth phlumaireachd is iarnaireachd. Tha aon phiuthar aig Coinneach, Anna, a tha a' fuireach ann an ceann a deas Shasainn.

Bha e riamh air a bheò ghlacadh le ceòl agus b' e ceòl pop a bha sin nuair a bha e na bhalach òg. Tha cuimhne aige aon uair gun do dh'iarr e air a phàrantan an clàr Runaway le Del Shannon fhaighinn dha 's iad latha air cuairt a Ghlaschu. Chluich e an clàr sin cho tric agus gum b' fheudar dha mhàthair stad a chuir air 's i aig iomall a reusain leis. Bha e cuideachd measail air leithid Connie Francis agus Adam Faith agus tha cuimhne mhath aige air a' chiad uair a chuala e na Beatles, agus an ùidh mhòr a ghabh e annta.

Nuair a bha e na bhalach òg bha àite sònraichte aig Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain anns a' choimhearsnachd, agus bhiodh e uaireannan a' dol gu na cèilidhean aca. Bha a mhàthair a' seinn ann an còisir dam b' ainm Seinneadairean Chinn Tìre. Cha b' e òrain Ghàidhlig a bhiodh iad a' seinn ach tha cuimhne aige, aon latha nuair a thàinig e dhachaigh, bha a mhàthair ag èisteachd ri co-fharpais Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn air an rèidio.

Chaidh Coinneach do Bhun-sgoil Dhail an Tobair. Thug e dà bhliadhna ann an Sgoil Ghràmar Cheann Loch Chille Chiarain agus, an dèidh sin, chaidh e do Sgoil na Cille ann an Dùn Bhreatainn.

B' e Calum MacCaluim, a bha cho soirbheachail a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain, fear dhen fheadhainn a thug buaidh air an t-seinn aige is e na bhalach òg. Thigeadh Calum don bhun-sgoil uair sa chola-deug agus, nuair a dh'ionnsaicheadh e òran ùr dhan chloinn, chanadh e, "Seinnidh mise e, an uair sin seinnidh Maighstir MacThòmais e, agus an uair sin seinnidh sinn e còmhla". Tha fhios gur e comharra a bha seo gu robh MacCalum a' faicinn tàlant air leth anns a' bhalach òg ach, aig an àm, bha Coinneach dìreach air a chlaoidh.

'S e Eideard Pursell, no mar a bh' aige air fhèin aig amannan, Ìomhair Mac Sporain, ceannard na bun-sgoile. B' e a sgrìobh, mar eisimpleir, Tuireadh Iain Ruaidh, agus thug esan cuideachd buaidh air a' ghille òg.

Taobh a-muigh a theaghlach fhèin, b' e Eachann MacNèill, a bha na cheannard-sgoile an dèidh Pursell, bu mhotha a bhrosnaich Coinneach ach, a bharrachd air pàirt a ghabhail ann am mòdan ionadail, cha do rinn e mòran a thaobh ceòl Gàidhlig gus an tàinig e a Ghlaschu.

Dh'fhàg Coinneach Sgoil na Cille an dèidh a' chòigeamh bliadhna agus chaidh e a Ghlaschu, far an robh e na bhall de Chòisir Philharmonic nam Fear. Ann an 1968 bha Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu gann de dh'fhir agus dh'fhaighneachd Màrtainn MacAoidh, Ceann-suidhe a' Chòisir, do Choinneach am biodh e deònach an cuideachadh, dìreach airson na bliadhna sin, agus sin a thug e an lùib Mhòdan agus chòisirean Gàidhlig airson a' chiad uair.

Bha Nan Dhùghlas na neach-teagaisg Gàidhlig aig a' chòisir agus bha ise den bheachd gum bu chòir dha a dhol a-steach airson co-fharpaisean an luchd-ionnsachaidh aig a' Mhòd. Rinn e sin, airson a' chiad uair ann an 1970, agus choisinn e an t-Aigeallan Airgid ann an 1975. Fhuair e am Bonn Òr aig Mòd Steòrnabhaigh ann an 1979.

Ann an 1980, ghabh e thairis Còisir Ghàidhlig Chille Bhrìde an Ear agus bha e còmhla riutha airson trì bliadhna. 'S e bha aig an stiùir nuair a choisinn iad Cuach Mhairead NicDhonnchaidh aig a' Mhòd ann an 1983. Aig an aon àm is a bha e a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Chille Bhrìde an Ear, bha e cuideachd na bhall de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus gabh e thairis an còisir sin anns an Dàmhair, 1983.

Tha a' Cheòlraidh air prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdainn, a ghlèidheadh còig tursan bhon uair sin, mu dheireadh san Dàmhair 2010 aig Mòd Ghallaibh. Chan eil bliadhna a' dol seachad nach eil iad a' faighinn co-dhiù aon de na duaisean eile. Bho chionn dà bhliadhna chomharraich Coinneach dà fhichead bliadhna na bhall den chòisir agus còig bliadhna fichead aig an stiùir.

Ach cha robh Coinneach toilichte le a bhith a' stiùireadh a-mhàin agus, mu 1985, thòisich e a' rèiteach a' chiùil dhan chòisir. B' e Mòrag Bheag, Nighean Mhurchaidh an t-Saoir airson còisir nam mnathan agus An t-Iarla Diùrach airson a' chòisir shlàn a' chiad fheadhainn a rinn e. Tha e air còrr air trì fichead òran a rèiteach on uair sin agus tha e air an obair seo a dhèanamh do chòisirean eile cuideachd.

Chaidh Coinneach an ceann a chosnaidh ann an Seirbheis na Slàinte, tro Sgeama Trèanaidh Rianachd, an dèidh dha an sgoil fhàgail agus chaidh e tro àrdachadh an dèidh àrdachadh na obair anns an t-seirbheis.

Am measg dhleasdanasan eile, bha e na Mhanaidsear air Seirbheis Slàinte Earra-Ghàidheal agus Dhùn Bhreatann, agus na Àrd-Oifigeir ann an Ospadail Law agus Yorkhill. Leig Coinneach dheth obair air sgàth a shlàinte fhèin ann an 2000, an dèidh 32 bliadhna anns an t-seirbheis.

Ann an 1971, phòs Coinneach agus Valerie NicFhearghais, à Port na h-Abhainne ann an Ile. Bha dithis chloinne aca, Alison agus Fearghas. Gu cianail, chaidh Valerie a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Glaschu as t-samhradh 2009.

Carolyn NicFhearghais

'S e Carolyn NicFhearghais an ceathramh guth. Ged tha i ag obair ann an Lunnain tha a dachaigh an Glaschu.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.