Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am Bonn Òr aig Mòd 1959. Thug i a-mach dreuchd mar bhan-teagaisg agus thug i iomadh bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean taobh Ghlaschu 's bha i mu dheireadh os cionn sgoil as an robh clann aig an robh feumalachdan sònraichte.

Às dèidh dhi a dreuchd mar cheannard-sgoile a leigeil dhith, ghabh i dreuchd mar òraidiche aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD, a' teagasg air a' chùrsa BA Ceòl Albannach. 'S iomadh oileanach a tha an-diugh cliùiteach a tha an comain Cheana airson an oideachadh agus an altraim.

Bha i na ball den chòmhlan-ciùil Na h-Eilthirich agus chuidich i a' cur air chois am buidheann luaidh Bannal. Tha i air pàirt a ghabhail ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio agus air seinn an iomadh ceàrnaidh. 'S i a sheinn Salm 23 ri a fonn fhèin aig an tòrradh aig Iain Mac a' Ghobhainn a bha na cheannard air a' Phàrtaidh Làbarach.

Bha i a' teagasg aig a' chiad fhèis ann am Barraigh agus bha i cuideachd am measg an fheadhainn a rinn an t-strì airson ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu.

Bho chionn ghoirid chaidh duais Sàr Ghàidheal a bhuileachadh oirre airson na rinn i às leth a' chànain agus foghlam Gàidhlig an Alba.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.