Catrìona NicGill-Eain

Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an àm. Chuir i seachad a' mhòr-chuid de h-òige, bho aois còig bliadhna, anns a' Phloc, far an robh a h-athair, am bàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain, na cheannard air an sgoil.

An dèidh Àrd-sgoil a' Phluic fhàgail chaidh Catrìona a dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich i le Gàidhlig agus Litreachas na h-Albainn.

Ann a 1979 phòs i Dòmhnall Dòmhnallach à Uibhist a Tuath agus bha triùir chloinne aca.

'S ann bhon teaghlach aice fhèin a fhuair Catrìona mòran de na h-òrain a bhiodh i a' seinn, gu h-àraidh bho bràthair a h-athar, Alasdair agus a bhean Rena, a bha a' fuireach ann an Uibhist a Deas nuair a bha i a' fàs suas, agus bho bhràthair athar eile, Iain, a bha os cionn Àrd-sgoil an Òbain.

'S iomadh òran a dh'ionnsaich Catrìona do sgoilearan Phort Rìgh nuair a ghluais i dhan Eilean Sgitheanach an dèidh pòsadh. Bha pàirt mhòr aice cuideachd anns an t-strì airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Phort Rìgh.

Chaidh i air cuairt nam bàrd a dh'Èirinn ann an 1991 agus bhiodh i a' sgrìobhadh òrain agus sgeulachdan chloinne airson prògraman Gàidhlig a' BhBC air rèidio agus telebhisean.

Chaochail Catrìona ann an 1993.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.