Catrìona Dhùghlas

Rugadh Catrìona Dhùghlas ann an 1893 ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach far an robh a h-athair, Iain Mac an Aba, na mhaighstir-sgoile agus na bhàrd. Fhuair i a foghlam foirmeil air fad ann an sgoil a h-athair, agus teagasg ann an Gàidhlig bho nighean piuthar a h-athar, Anna Dhòmhnallach no Anna an Champion mar a chante rithe.

Bha Clann an Aba air a bhith anns an eilean fad iomadh linn agus bha gibht na bàrdachd as an teaghlach. Sgrìobh, mar eisimpleir, Niall Mac an Aba, a bha beò ann an Cille Bhacastair eadar 1740 agus 1818, marbhrann an dèidh bàs fear de Mhàrtainnich a' Bhealaich is Dhùn Tuilm:

Bha thu foghainteach, làidir,
Bha thu spioradail, tàbhachdach, ciùin;
Dreach an t-samhraidh mar shnuadh ort
Cha robh nàimhdeas no fuachd nad ghnùis.

Bha Iain 'Ruadh' Mac an Aba, sinn-seanair Chatrìona na mhaighstir-sgoile ann am Mairisiadar agus b' e bàrd a bha na h-athair cuideachd. A rèir an Urr. Dòmhnall Buidse, a bha eòlach air an teaghlach:

"Chan e mhàin gu robh gibhtean gliocas agus foghlam aig na daoine bho robh Catrìona, bha ceòl, bha bàrdachd, bha seanchas aca ann an tomhas nach robh beag. Ann an teaghlach a h-athair bha luchd-foghlam, luchd-bàrdachd, luchd-ciùil agus pearsa eaglais.

Is e làn bhàrd a bh' ann an athair Chatrìona, Iain Mac an Aba. Tha cuid de bhàrdachd an làthair, air an glèidheadh le Catrìona, cuid dhe aighearach spòrsail, aotrom; cuid eile stòlda, dòigheil, grinn, duain Challainn agus rannan tlachdmhor eile, agus e gu h-uile anns a' Ghàidhlig as blasta agus as fheàrr."

Ann an òraid a thug e do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 8 Samhain 1974, thug an t-Urr. Buidse eisimpleir de Dhuan Callainn a rinn athair Chatrìona:

Hò rò la ri ò
Thàinig mise 'n taobh seo
Dh'ùrachadh na Callainn
Hò rò la ri ò
Mise fear a h-uile bliadhna
Tha tighinn air m' fhiaradh à Peighinn-Òra.

Cha chùm uisge, gaoth no sian mi
Gàrradh crìche no cion rathaidean
San dorcha 'n cunnart gum bathar
An làthach Tobar an Òigh mi,
No an iochdair crait 'ic Mhaoilein
Gun caochail mi am poll-mòna;
Nì mi stiùireadh air Catrìona
Nuair bhios an diathad an òrdugh
Pailteas de dheoch is de bhiadh ann
Bidh fìon ann do gach neach a dh'òlas
Bidh pailteas de dh'aran is de dh'iasg
Bidh sitheann eun agus feòil ann
'S mòran de ghnothaichean cosgail
Thàinig leis a' phost a' bhon-dè.

Bha Catrìona is a cèile, Seumas Dùghlas à Cille Mhoire, a' fuireach ann am Peighinn-Òra, nuair a chuir Eòin Dòmhnallach eòlas orra an toiseach, mar a dh'innis e air prògram air BBC Radio nan Gàidheal:

"Bha Ceit air leth measail air ceòl agus bha ùidh mhòr aice ann a bhith a' toirt cuideachadh do dh'òigridh mar mi fhìn a bhiodh a' seinn aig na Mòdan. Bha làn a chinn de sheann òrain an Taobh Sear aig Seumas agus eatorra cha bhiodh feasgar geamhraidh fada a' dol seachad."

Rinn Catrìona i fhèin iomadh òran agus chuir i facail ri puirt leithid 'Mòrag à Dùn Bheagain', 'Alasdair an t-Sìthein' agus 'An Cala Sèimh' agus an-diugh tha seinneadairean measail air òrain a rinn i, leithid Nach Truagh Leat mi 's tu 'n Èirinn, 'Chaill mi mo Chridhe 's mi Òg', Nochd gun Chadal agus 'Pìob Uilleim Rois'.

Ann an 1971, dh'fhoillsich an t-Urramach Dòmhnall Buidse leabhran de na h-òrain aig Catrìona fon tiotal Sàr Òrain le Catrìona Dhùghlas, bana-bhàrd Thròndarnais an Eilean Sgitheanaich.

Anns an eachdraidh ghoirid a tha e a' toirt air a beatha tha e ag ràdh:

"Chaith Catrìona, mar a rinn a h-athair, uile làithean a beatha anns an sgìre anns an d' rugadh i, am measg Gàidhlig agus sluagh Gàidhealach, agus 's math am feum a rinn i dhen t-sochair sin.

'S e pàirt den fheum sin a rinn i, cruinneachadh a dhèanamh de dh'òrain na sgìre, obair air an do thòisich i tràth, mar a dh'innis Eòin Dòmhnallach:

"Bha a h-obair mar oifigear a' phension ga toirt gu taighean san dùthaich mun cuairt, far an tric am biodh cuideigin a sheinneadh òran dhi. Chuireadh i sìos le peann air pàipear gach pong is lide agus san dòigh seo chruinnich i meall math de dh'òrain an eilein.

Bha meas mòr aig Ceit air na h-òrain luaidh agus aig an àm ud bhiodh bannal cruinn gu bitheanta a' luadh ann an taigh-obrach Chille Mhoire, far an robh na h-uibhir de dh'fhir is de mhnathan an àite ri breabadaireachd. Bha làn an cinn de dh'òrain luaidh aig na mnathan agus cha b' e ruith ach leum leotha dol air feasgar an-dràsta 's a-rithist a shuidhe timcheall nan cleith luaidh."

Nuair a chaochail Catrìona Dhùghlas ann an 1965, thug Seumas na leabhraichean òrain aice don Urr. Dòmhnall Buidse:

"A' chiad rud a rinn mi is e cuid dhe na h-òrain aig Catrìona a chur a-mach air an clò-bhualadh ann an Song Sheets, ann an duilleagan leotha fhèin a chum 's gu faiceadh daoine luach agus meud na h-obrach aig Catrìona."

A bharrachd air an leabhar de dh'òrain a dh'fhoillsich an t-Urr. Budge ann an 1971, chuir e mach leabhar de dhealbhan-cluiche a sgrìobh i airson clann, fon ainm Pein-Ora, agus mhìnich e an t-ainm:

"Nuair a chuir Iain Mac an Aba dheth dreuchd maighstir-sgoile thog e dachaigh dha fhèin air cnoc faisg air an sgoil. Thug e ainm a' chnuic air an taigh "Peighinn-Òra", an t-àite-ùrnaigh, Pein-Òra. Thug mise ainm an taighe air an leabhar agus ainm an taighe anns an do chuir Catrìona seachad mòran bhliadhnaichean dhe beatha agus anns an d' fhuair a' bhana-bhàrd bàs."

Tha an cruinneachadh òrain a rinn Catrìona Dhùghlas an-diugh air a chumail ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.