Catrìona Anna Nic A' Phì

Catrìona Anna Nic A' Phì

Rugadh Catrìona Anna, no Cathaidh Ann mar as fheàrr a dh'aithnichear i, ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain, Màiri Denny agus Criosaidh Denny, agus Mairead Fhorbais. Bha a seanmhair, Bean a' Ghobha cuideachd làn òrain agus sgeulachdan agus tha Cathaidh Anna dhen bheachd gu robh e dìreach an dàn dhith a bhith na seinneadair coltach ri seanmhair.

Nuair a ghluais an teaghlach gu tìr-mòr dh'fhuirich i bliadhna am Barraigh còmhla ri a seanmhair agus 's iomadh feasgar a chuir i seachad ag èisteachd rithe a' seinn.

Aon turas aig an àm seo, thàinig air a seanmhair a dhol dhan ospadal agus thàinig bana-charaid dhith, Mesh mar a bha aca air a' bhean-phòsta NicCharmaig, a-steach a ghabhail cùram na nighinn bhig. Gach oidhche bha Cathaidh Ann ag innse sgeulachdan dhi agus a' gabhail òrain agus tha e coltach gu feumadh Mesh bhochd flùraichean a thilgeil gu casan an diva òig, mar thaing!

Bho bha i 18 gu robh i cha mhòr 21, bha Cathaidh Ann na cleasaiche còmhla ris a' chompanaidh dràma Gàidhlig Fir Chlis, a bha stèidhichte air an Tairbeart, as na Hearadh.

An dèidh sin thug i grunn bhliadhnaichean còmhla ris a' chompanaidh ainmeil 7.84. Bha àite cudthromach aig òrain agus ceòl anns na dealbhan-chluich aig 7.84 agus b' ann còmhla riutha a chaidh i a Chanada agus a dh'Amaireagaidh an toiseach. Chaidh i cuideachd dhan Ghearmailt agus dhan Ruis barrachd air aon uair còmhla riutha.

Canaidh Cathaidh Ann gur e Cànan nan Gaidheal, a' chiad chlàr a rinn i, an tiodhlac a b' fheàrr 's a bu phrìseil a thug i do màthair, tè nach do ghabh ris a riamh gur h-i fhèin a thug an tiodhlac do a nighean.

Tha Cathaidh Ann an-diugh pòsta aig Uibhisteach agus a' fuireach ann an Ottawa, Canada. Tha dithis chloinne aca, Mairead agus Alexander a tha nan deugairean. Bidh i a' seinn agus a' teagasg aig fèisean eadar Seattle agus Ceap Breatainn, agus cuideachd còmhla ri còmhlain pìobairean an RCMP.

Thairis air 30 bliadhna is còrr, tha Cathaidh Anna air luchd-èisteachd a dhèanamh lag a' gaireachdainn ann an iomadh àite oir tha i èibhinn, eirmseach agus deas-bhriathrach. A cheart cho luath 's a bheir i gàire air daoine cuiridh i iad nan tosd le bòidhchead a guth agus an doimhneachd faireachdainn a chuireas i ann an òran.

Agus de na cuirmean aig na sheinn i a tha gu h-àraidh na cuimhne? Nam measg tha an turas a sheinn i Nam Aonar le mo Smuaintean air bòrd HMS Intrepid do dh'oifigearan a bh' air a bhith an teis mheadhan Cogadh na Falklands. Turas eile, an dèidh dhi seinn aig cuirm phrìobhaideach anns an Eilean Sgitheanach, fhuair i còmhdhail air ais a Ghlaschu còmhla ris a' Phrionnsa Henrik, cèile Banrigh na Danmhairg.

Ach cha b' e a bhith an cuideachd cho rìoghail a dh'fhàg a leithid a làrach air a cuimhne ach, mar a thuirt i fhèin, "M' eudail, cha robh am plèan na bu mhotha na faoileag!"

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.