Calum Ros

Calum Ros

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach, athair, agus b' i Peigi Chaluim Stiùbhart à Ùige, a mhàthair. Tha aon phiuthar aige, Cairistìona, a tha a' fuireach ann an Cille Bhrìghde an Ear.

Chaidh Calum do Sgoil Thornwood airson ùine ghoirid ach nuair a thòisich an cogadh chaidh e do Bhun-sgoil Ùige agus thug e trì bliadhna innte. Thill e air ais gu Sgoil Thornwood an uair sin agus chaidh e gu Àrd-sgoil Hyndland an dèidh sin.

Suas gu 1954 bha e anns an arm, anns an Royal Army Educational Corps, airson Seirbheis Nàiseanta, stèidhichte airson pàirt dhen ùine ann an Longniddry, taobh a-muigh Dhùn Èideann, agus ann a' Singapore.

An dèidh sin chaidh e a dh'obair do dh'Urras Chluaidh anns an oifis a bh' aca anns an Stòr Ghràin, ann am Partaig.

Bha e an sin airson faisg air còig bliadhna mus deach e do dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le M.A.. Chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain an uair sin airson trèanadh mar neach-teagaisg.

Thòisich e a' teagasg ann an Sgoil Cranhill agus, an dèidh greis ann an Àrd-sgoil Hillhead, thill e gu Cranhill mar iar-cheannard. Bha e na cheannard airson an dà bhliadhna mu dheireadh mus do dhùin an sgoil. Gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1998 bha e ann an Àrd-sgoil Bannerman.

Bha guth seinn a' ruith anns an teaghlach. Bha athair a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Duke Street an Glaschu. Bhiodh Eardsaidh agus Eachann, bràithrean athair a' seinn agus bha bràthair a mhàthar, Aonghas, a' cluich na pìoba.

Thòisich Calum fhèin a' cluiche na pìoba nuair a bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois agus bha e a' faighinn teagaisg bho Phàdraig MacLeòid, pìobaire a sgrìobh puirt ainmeil a bhuineadh do dh'Ùige Leòdhais. Bha Pàdraig a' fuireach air Exeter Drive, an ath shràid ri dachaigh Calum. Nuair a thàinig e a-mach às an arm bha Calum ann an Còmhlan Phìobairean an T.A. agus cuideachd ann an Còmhlan Phìobairean Chlann MhicRath.

Chaidh Calum na bhall de Chòisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn mu mheadhan nan trì ficheadan. Cha robh e air seinn ann an Gàidhlig ron sin agus gu dearbha nuair a chaidh iarraidh air seinn aig cèilidh aon oidhche 's e The Green Hills of Islay a ghabh e. An dèidh sin, fhuair e cuireadh chun a' Knightswood Cèilidh agus 's ann an uair sin a thòisich e a' cruinneachadh agus ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig.

An dèidh cuid de dhuaisean eile a chosnadh na bu tràithe, fhuair Calum Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1968, aig Mòd Dhùn Omhain, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Pheairt, ann an 1980.

Phòs Calum agus Iseabail NicFhearchair à Earra-Ghàidheal ann an 1977, agus tha triùir chloinne aca, dithis nighean agus aon ghille. Bidh Iain a' cluich giotàr mar chur-seachad dha fhèin agus bidh Fiona a' seinn aig Mòdan agus tha i ann an Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn mar a tha a pàrantan. Rinn Catrìona ceum ann an seinn agus dannsa ann an Lunnainn.

Tha Calum dà latha san t-seachdain a' teagaisg Gàidhlig, agus uaireannan òrain, ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba an Glaschu. Tha e fhathast na bhall de Chòisir Bhaile Ghobhainn agus tha e a' faighinn a-mach chun an raon golf, co-dhiù aon uair san t-seachdain.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.