Calum Màrtainn

Calum Màrtainn

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. Nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois thill an teaghlach air ais a Leòdhas agus chaidh Calum a thogail ann am Breascleit.

Chaidh e do Bhun-sgoil Bhreascleit agus an uair sin gu Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. Ann an 1970 chaidh e dhan Arm airson sia bliadhna.

Nuair a dh'fhàg e an t-Arm ann an 1970, thug e dà bhliadhna ag obair ann an Ciseorn mus do thill e Leòdhas a dh'obair ann an einnseanaireachd còmhla ris a' chompanaidh aig William Tawse. Lean sin gu 1992 agus bhon uair sin tha e air a bhith a' teagasg ceòl Gàidhlig ann an sgoiltean air feadh Leòdhais, obair a tha e a' dèanamh fhathast.

Phòs e ann an 1981 agus tha sianar chloinne aca, triùir bhalach agus triùir nighean. Tha an dachaigh an-diugh ann an Tung ann a' Leòdhas.

Tha Calum air a bhith a' seinn, agus a' sàs ann an ceòl, bho bha e glè òg. Bidh e a' seinn iomadh seòrsa òran, ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, òrain a tha e a' togail bhon rèidio no bho chlàir.

Thoisich e an còmhlan Island Express ann an 1978, agus rinn iad clàr ann an 1979. Bha iad a' cluiche còmhla gu 1982, agus an uair sin chaidh Calum air a cheann fhèin. Rinn e ceithir clàir eile thairis air na bliadhnaichean, am fear mu dheireadh ann an 2010.

Tha e ag ràdh nach eil e a' dèanamh mòran seinn an-diugh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.