Calum 'Ruadh' MacNeacail

Rugadh Calum 'Ruadh' MacNeacail, mac le Iain mac Uilleim agus le Anna Dhòmhnaill Ruaidh, an Gead an t-Sailleir am Bràighe Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach air 19 Màrt, 1902. B' e coitearan agus croitearan a bh' anns na daoine aige agus chanadh e gu robh Leòdaich, Peutanaich agus Stiùbhartaich am measg a shinnsearachd.

Bha deichnear chloinne san teaghlach.

Dh'fhàs Calum Ruadh suas ann an coimhearsnachd as an robh dualchas agus cànan fhathast làidir. Bha a mhàthair, Anna Ruadh, a rugadh sa Bhaile Mheadhanach ann an 1861, ainmeil airson a cuid òrain agus na b' aithne dhi dhiubh.

Anns an ro-ràdh a sgrìobh e airson an leabhair, Bàrdachd Chaluim Ruaidh, a dh'fhoillsich Gairm ann an 1975, tha Calum ag innse:

"Bha ùidh agam riamh ann am bàrdachd agus bha mòran bàrdachd a' dol sa Bhràighe an uair a bha mise òg. Bha cèilidhean a' dol an uair ud agus bha meas air òrain èibhinn aig na cèilidhean sin.

Bha mise còmhla ris na bàird a h-uile cothrom a gheibhinn. An uair nach bithinn rim fhaicinn mun cuairt, 's ann còmhla ris na fir ud a bhithinn, Niall Ceannaiche agus Teàrlach a' Phosta. Bha seann òrain a' dol cuideachd agus feumaidh mi aideachadh gun do thog mi gach seòrsa an uair a bha mi glè òg.

Cha robh mi ach naoi bliadhna deug an uair a rinn mi a' chiad òran. 'S e chuir gu bàrdachd mi gun robh an teaghlach againn a' fàgail Gead an t-Sailleir agus a' dol a dh'fhuireach a Chamus Tianabhaig. Bha mise smaoineachadh nach bithinn beò air falbh o mo chàirdean agus mo luchd-eòlais."

Tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil,
Tha mi 'n dùil ri bhith tilleadh
Dh'ionnsaidh Cnoc Dhòmhnaill Alasdair Mhòir.
Air an òg an robh mise.
Tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil.

Chruinnich fir a' bhaile chòir
Aig a' Phort mhòr, fad o mhulla'
Bha mo ghaol-s' ann, Anna Mhòr,
'S i ri còineadh 's ri tuireadh.
Tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil.

Chuir Calum Ruadh a' mhòr-chuid dhe bheatha seachad sa Bhràighe a' croitearachd agus aig amannan ag iasgach bhradan:

Horo hù hì ill ù ò
'S mi bha sunndach ruith a' bhradain.
Horo hù ò hì ill ù ò.

Seo mar bh' ann, 's e seo an fhìrinn
Dh'fhalbh mi fhìn air sgrìob sa mhadainn.

Gus am faicinn am buntàta
A chuir mi gu tràth as t-Earrach.

Chaidh mi sin chun a' lòin
Aig an òb ri taobh na caradh.

Chunna mi e, bradan tarrgheal
'S e mar airgead a' lasadh.

Leum mi staigh airson a mharbhadh
'S mi gun arm gu mhaide.

Anns a' chladach gu math luath mi
'S mi ga bhualadh le mo chasan.

Fuil a' bhradain air mo chòta
'S mi ga dhòrnadh sa chlaigeann.

Fuil a' bhradain air mo lèine
'S cha robh gèilleadh san t-sabaid.

Shaoilinn gur e cathadh làin
Bh' air an tràigh ann le chuid lannan.

Chunna mi tighinn far a' chuain i
Chailin ruadh sin à Dùn Cana.

Dh'èigh i "Beir air mun a' gharbhan
'S ni thu mharbhadh, a Chaluim.

Nach d' thuirt mise riutsa bhròinein
Gum biodh lòn agad ri d' mhaireann."

Bha Calum Ruadh tric a' dèanamh òrain èibhinn. Bha sùil gheur aige agus cha robh leisg air a bhith a' tarraing às a nàbaidhean, mar a tha soilleir agus e ag innse mar a thàinig aiseil don Bhràighe:

Bha dithis mhaighdeann sa bhaile,
Tè air an robh Anna, agus Màiri;
Chuir iad fios air falbh a Ghrianaig
Is iad ag iarraidh buntàta;
Kerr's Pinks a bha iad ag iarraidh
'S e bu lionmhoire gu fàs dhaibh,
Is dh'fhàg iad Pink às anns an diochuimhn'
As an litir chiallach chàirdeil.

Nuair a dh'fhosgladh an Grianaig an litir
'S a chunnacas am fios a bha innte
"'S e tha iad ag iarraidh ach chair
As a' Bhràighe," ars Macphàrlain;
"Cuiribh fear air falbh le rèile
Na biodh mionaid fhèin a dhàil ann."
Is chuireadh gu cidhe Phort Rìgh e
Is chuir Port Rìgh fios chun a' Bhràighe.

Dh'fhalbh na gruagaichean air madainn
Foghainteach, sgairteil, mar a bha iad,
Rachadh iad ri muir is monadh
'S ann a' trotan a bha iad;
Nuair ràinig iad stòr a' bhaile
'S a chunnaic iad an rud a thàinig,
"Nach e an tràill e," ars Anna;
"Madadh," 's e thuirt Màiri.

Chaidh telegram air falbh an uair sin
Glè luath gu MacPhàrlain:
"Send as required," 's e fhuair e;
As na sgrìobh Màiri.
Muinntir Ghrianaig rinn an lasgraich;
"Aiseal, 's e bh' ann," thuirt àsan,
"Is cuiribh fear air falbh le rèile dhaibh
Na biodh mionaid fhèin de dhàil ann."

Tighinn a-mach ann am Port Rìgh dha
Bha e pìobaireachd 's a' ràinich,
Is chuir iad a-staigh dhan a' stòr e
Cha b' e ròp a bh' air ach hawser!
E cho fiadhaich ri leòmhann
Is e cheart cho mòr ri càmhal;
Is bha iad a' cur gainmheach na chluasan
Gus an cluinntir shuas sa Bhràighe e.

Chaidh an dàrna fios a-rithist
Dh'ionnsaigh nìghneagan a' Bhràighe;
Is dh'fhalbh iad an dàrna uair
Dol a thoirt a-nuas a' bhuntàta;
Nuair a chaidh iad staigh don Stòr
Is sheallte am beathach mòr a thàinig
Dh'èigh Anna, "Thì na glòire,
Coineanach mòr an t-Sàtain!"

"Cùm do theanga, òinnsich
'S e th' ann ach pony!" arsa Màiri,
"Tè dhen bhreed a bh' aig Iòsaph
Nuair a dh'fhògradh e bho chàirdean;
Bheir sinn dhachaigh e, a bhrònag,
Mur e bò a th' ann, 's e àigeach!
Is bheir e am brùchd far a' Phort Mhòir dhuinn
Is bheir e mhòine far an Àird dhuinn."

Ann an 1934 phòs Calum Ruadh agus Peigi NicCalum à Camus Tianabhaig.

Aig àm an Dàrna Cogaidh bha e ann am Feachd an Adhair, ach 's e glè bheag de bhàrdachd a rinn e aig an àm seo:

"Feumaidh mi aideachadh nach do chuir gach ulla-thruis a bh' ann gu bàrdachd idir mi. Rinn mi aon òran Beurla, ach cha tàinig bàrdachd Ghàidhlig thugam idir. Bidh mi smaoineachadh gu feumainn a bhith air mo shitig fhèin mun tigeadh bàrdachd thugam."

Mar a mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Meek ann an lèirmheas a rinn e air an leabhar Bàrdachd Chaluim Ruaidh anns an iris Gairm, (Àireamh 93, Geamhradh 1975-6), bha spèis aig Calum dha dhualchas:

"Tha e glè mhothachail gur h-ann a' leantail cas-cheuman a shinnsireachd a tha e ann a bhith a' snìomh a bhàrdachd."

Agus dh'aidich Calum fhèin sin gu toileach:

"Lean mise an seòl bàrdachd a b' aithne dhomh, an seòl bàrdachd a bha dol sa Bhràighe an uair a bha mise òg. Tha bàrdachd ùr a' dol an-diugh, ach feumaidh mise cumail ris a' bhàrdachd a b' aithne dhomh agus ma chòrdas i rium fhìn, bidh mi an dòchas gun toir i beagan toileachais do luchd-leughaidh thall 's a-bhos. Ma bhios sin mar sin, bidh mise riaraichte."

Cha b' e a-mhàin tachartasan agus daoine sa choimhearsnachd aige fhèin mu robh Calum a' sgrìobhadh. Anns an leabhar tha cuspairean leithid Cùmhnantan Sìthe Pharis, Cumha Arnheim, is Òran Nuremberg. Rinn e an dàn 'Blàr Chaol Àcainn' nuair a bha aimhreit air cidhe Chaol Àcainn mun chiad aiseig Sàbaid air 6 Ògmhios, 1965, a' dearbhadh nach robh leisg air beachdan làidir fhoillseachadh:

Ùghdair na h-aimhreit 's na mì-riaghailt
Nach e sin an Diabhal 's a mhallachd;
'S nach e sin a bha 'n Caol Àcainn
Mhadainn shàbaid seo rinn crois ann,
Rinn cùis-mhagaidh dhen an àite
Anns gach ceàrna th' air an domhain
'S gun cumamaid cuimhne gu bràth air
Blàr Chaol Àcainn mo bhonaid.

Dh'fhàg Calum Ruadh a shealladh fhèin againn air mar nach b' urrainn dha a bhàrdachd a sheachnadh chionns gu robh i na dhualchas:

'S tric thuirt riumsa mo mhàthair
"Chaluim, a ghràidh, nach stad thu dhith.
'S i bheir fhathast dhut am bàs
Chan eil mo dhàil-sa fada leat"

Fhuair mi bhuaipe gibht nam bàrd
Bha 'n Dòmhnall Bàn an ceannaiche;
'S e siud dh'fhàg mise snìomh nan dàn
'S a dh'fhàg a' ghràin sa bhaile orm.

Bha nam shinnsir Iain Stiùbhart
'S fhad na smùr fon talamh e
Bàrd cho math 's a bha san dùthaich
Fhuair e cliù nach d' dhealaich ris.

Cha cholaich mi e ri Rob Donn
No 'n sonn Mac Mhaighstir Alasdair;
Cha b' ann domhain a bha rann
Ach gearradh-cainnt mar fhasan aig'.

Chomhairle chuireas mise bhuam
Air luchd droch thuaileis sgannalach
Iad chreidsinn seo gu math luath
Tha Calum Ruadh glè fhaisg orra.

Chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba agus tha cuid de na clàraidhean sin rim faotainn air CD Calum Ruadh, Bard of Skye (Greentrax 9007) agus a-nis air an làrach-lìn aig Tobar an Dualchais.

Chaochail Calum Ruadh air 25 Gearran, 1978.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.