Calum MacIllEathain (Calum Thao)

Calum MacIllEathain (Calum Thao)

'S ann mar dhuine dòigheil, eirmseach, a tha cuimhn' air Calum Thao, Calum MacIllEathain à Dùn Chàrlabhaigh.

Thàinig athair, Tormod Dhòmhnaill an t-Saoir, chun na Dùine à Mangarstaidh Ùige, ann a 1872, agus phòs e Bellanne Chaluim an Dòmhnallaich bhon an Dùn. Bha an dachaigh aig àireamh 18, An Dùn.

Rugadh Calum ann an 1912 agus bha seachdnar san teaghlach – Cairistìona, Dòmhnall, Mèireag, Doileag, Calum, Ùisdean, Tormod agus Seonaidh.

Ged is e boireannach mòr, sgoinneil a bha na mhàthair, bhàsaich i leis a' flu mhòr mu 1919. Bhàsaich Cairistìona, an tè bu shine dhan teaghlach, cola-deug às a dèidh, aig aois 14 agus i dìreach a-mach às an sgoil. Cha robh Calum ach mu sheachd agus bha triùir san teaghlach na b' òige na e. B' e Cairistìona, piuthar an athar, a ghabh an cùram.

Chaidh Calum dhan arm ann an 1934, dha na Sìophortaich. Bha e ag obair le na h-eich air Maryhill Barracks ann an Glaschu agus bhiodh e tric a' marcachd air each gu taigh a pheathar ann a' Knightswood, far am biodh i a' toirt curranan dha.

Chaidh Calum a ghlacadh aig St Valery leis a' 51st Highland Division agus bha e am measg an fheadhainn a b' fheudar a' choiseachd fhada tron Phòlainn a dèanamh mus deach an cumail glaiste nam prìosanaich fad a' chogaidh.

Aig aon àm sa champ bha na balaich air leth toilichte nuair a ràinig parsail bho phiuthar le rudan a dhèanadh duff. Cha robh na balaich eòlach air a leithid a dhèanamh ach, ged a thuit an duff às a chèile anns a' bhùirn anns a' phrais, dh'ith iad a h-uile mìr dhith.

Ged a bha cùisean doirbh bha caidreachas nam measg agus nuair a bha balach Sasannach cho lag agus nach b' urrainn dha coiseachd, chuir Calum air a dhruim e agus thug e leis e iomadach mìle. Thàinig am balach sin beò tron chogadh agus iomadh bliadhna às dèidh sin, nuair a chaochail e, chuir a theaghlach taing gu Calum airson na rinn e dha.

Ged nach robh ach seachd clach a chuideam ann an Calum nuair a chaidh a shaoradh chuir e riamh fàilte air gach neach-turais Gearmailteach ris na thachair e às dèidh a' chogaidh. Bhruidhneadh e beagan dhan chànan agus dh'ionnsaich e beagan Gearmailtis dhan chù aige, Sparky.

Às dèidh a' chogaidh, ged a bha corra obair eile aig Calum, b' ann ris a' bheairt bu mhotha a bha e. Cha robh cabhaig idir na nàdair agus aon là agus dràibhear làraidh nan clòitean ag iarraidh ceithir chlòitean a dhàrna turas, b' e am freagairt a fhuair e, nuair a dh'fhaighnich e cia mheud a bha deiseil, "Tha fear ga dhèanamh, fear air a dhèanamh, fear ri dhèanamh agus fear gun a dhèanamh!"

B' ann ann an taigh-dubh a bha Calum agus a bhràthair Ùisdean a' fuireach gu 1978 agus, ged a bha an taigh geal air a thogail, bha iad gu math leisg a dhol ann. B' e taigh-cèilidh air leth a bh' aca agus an dithis cho eirmseach. Dhèanadh Calum òran no rann an làrach nam bonn agus tha e coltach gur ann do bhrògan saor a bha a nàbaidh, Dòmhnall MacArtair (Dòmhnall Chaluim Bell), air a cheannach a rinn e an t-òran. Cha b' fhada gus na thòisich iad a' tighinn às a chèile. Chaidh Hè na Brògan, Hò na Brògan a sheinn aig iomadh consart agus timcheall air iomadh keg leann.

Tha sinn gu mòr an comain Christine McKechnie, nighean le piuthar a' bhàird agus Clann MhicArtair aig Àireamh 12 Ciribhig airson an cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.